An tig bùth mhòr bìdh eile dhan Eilean Sgitheanach?

An t-Eilean Sgitheanach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mu 13,000 duine a' fuireach san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Tha còmhraidhean a' dol a tha ag amas air bùth mhòr bìdh eile a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach.

Dh'innis BPA na sgìre, an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis, gu bheil i ann an conaltradh le companaidh a chùm sin, an dèidh mar a dh'fhàg ionnsaigh shaidhbeir air a' Cho-op sgeilpichean na bùtha sin - an aon bhùth mhòr den fheadhainn mhòra nàiseanta san Eilean Sgitheanach - air feadh na dùthcha falamh na bu thràithe den bhliadhna.

Co-op Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

'S e an Co-op an aon tè de na bùithdean mòra nàiseanta bìdh a tha san Eilean Sgitheanach, ged nach i an aon bhùth a th' ann

Sgaoil a' Bh-Ph. Fhoirbeis suirbhidh air-loidhne an dèidh na h-ionnsaigh sin a thomhas fheumalachdan muinntir an eilein a thaobh a leithid de ghoireasan.

Fhreagair 2,000 duine - mu 20% de shluagh an Eilein Sgitheanaich - an t-suirbhidh sin.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil 40% a' cleachdadh Tesco a' tighinn a-staigh dhan àite. Tha iad a' ceannach bìdh air-loidhne. " thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.

"Agus cuideachd gu bheil 20% a' cleachdadh a' Cho-op gach là."

Sgeilpichean falamh
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhàg ionnsaigh shaidhbeir sgeilpichean a' Cho-op air feadh na dùthcha falamh na bu thràithe den bhliadhna

Chleachd a' Bh-Ph. Fhoirbeis toraidhean na suirbhidh mar fiosrachadh airson a cuid chòmhraidhean leis na companaidhean mòra bùtha, feuch an robh ùidh aig gin aca bùth a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach.

"B' àbhaist dhuinn a bhith a' cleachdadh Tesco, ach tha na slots gu math doirbh fhaighinn uaireannan," thuirt Danielle Ghòrdan, a tha a' fuireach an ceann a tuath an eilein.

"So tha e nas fhasa dhuinne nuair a tha sinn a-mach is a-staigh a Phort Rìgh dìreach a dhol dhan Cho-op. Tha mi ann gach là mar as trice.

"Tha sinn feumach air àite eile. Is toil leam Aldi, Lidl, Tesco, Asda, na h-àiteachan sin.

"Tha fhios agam gu bheil Tesco a' tighinn suas air na bhanaichean. Tha iad a' dèanamh an airgid aca air na bhanaichean so chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil iadsan a' smaoineachadh gu bheil sinn feumach air a' bhùth."

Boireannach a' coiseach a-steach a Bhùth Rankins ann an Ùige

Ged is i bùth a' Cho-op an aon bhùth mhòr nàiseanta a tha san eilean, tha bùithdean eile ionadail ann, leithid Rankins ann an Ùige.

"'Tha e a' cur orm nuair a chanas iad nach eil bùth mhòr sam bith eile san eilean," thuirt Gillian Brown, leis a bheil Rankins.

"'S e cnag na cùise, tha mu 10,000 duine a' fuireach san Eilean Sgitheanach. Chan eil bùithdean mòra sam bith ag iarraidh tighinn an seo.

Danielle Ghòrdan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Danielle Ghòrdan den bheachd gu bheil feum air bùth mhòr eile san eilean

"Nan cleachdadh daoine 's dòcha na bùithdean ionadail aca barrachd - mar as motha a chleachdas tu iad 's ann as ìsle na prìsean."

Bha iomairt ann roimhe Aldi a thàladh chun an eilein, ach tha Aldi ag ràdh gum feumadh bùth ùr sluagh co-dhiù 20,000 ann an sgìre airson a bhith prothaideach.

Tha timcheall air 13,000 duine a' fuireach san Eilean Sgitheanach - ach bidh gu leòr a' togail air na thig ann a h-uile bliadhna de luchd-turais, a' fàgail tòrr mòr a bharrachd dhaoine ann.

Ceit Fhoirbeis BPA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cùisean doirbh dha na bùithdean mòra an-dràsta, a rèir Ceit Fhoirbeis BPA

Chan eil Ceit Fhoirbeis cinnteach an soirbhich leatha ann a bhith a' tàladh companaidh eile.

"Tha e doirbh an-dràsta airson nam bùithdean air feadh Alba," thuirt i.

"Tha mi airson a bhith ag obair leis na bùithdean, agus ma tha cothrom ann gluasad a-staigh dhan Eilean Sgitheanach, tha iad fosgailte ri sin.

"Ach tha iad uile ag ràdh gu bheil cùisean caran doirbh an-dràsta."