Dachaigh-cùraim an t-Òib ga moladh
- Air fhoillseachadh

Chaidh Dachaigh-cùraim an t-Òib anns na Hearadh a mholadh le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.
Thadhail luchd-sgrùdaidh air an dachaigh, a tha air a ruith le Eaglais Shaor Chlèireach na h-Alba, gun rabhadh sa Ghiblean.
Chaidh an dachaigh a mheasadh "math" anns a h-uile pàirt den t-seirbheis.
Fhuair an luchd-sgrùdaidh gun robh an luchd-còmhnaidh a' faighinn "deagh ìre de chùram ann an àite cofhurtail agus dachaigheil".
Bha iad a' faighinn buannachd bhon chùram anns an dachaigh fhèin agus bho luchd-obrach slàinte ionadail.
Dh'innis an luchd-sgrùdaidh gun robh an luchd-còmhnaidh a' faighinn "cùram leantainneach bho sgioba air a bheil iad eòlach, is gu bheil deagh chàirdeas aca leotha".
Fàilte
Thog iad air duilgheadasan aig an dachaigh luchd-obrach gu leòr fhastadh agus an dùbhlan a bha sin a' fàgail aig an sgioba, ach thuirt iad gu bheil "siostaman sàbhailte" ann gus an dachaigh a chumail glan is an cunnart bho ghalairean a lùghdachadh.
Bha fiosrachadh a thaobh dè bha cudromach do luchd-còmhnaidh anns na planaichean cùraim is bha luchd-obrach mothachail air feumalachdan dhaoine.
Fhuair luchd-sgrùdaidh gu bheil feum air obair gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh as ùire anns na planaichean cùraim, is gun tèid crìoch a chur air gluasad gu siostam ùr digiteach a chomharrachadh mar phrìomhachas.
Chuir Fear-gairm Comataidh Dachaigh-cùraim an t-Òib, James Tallach, fàilte air an aithisg.
"Tha mi toilichte gun deach an dachaigh a mheasadh "math" anns gach roinn.
"Thàinig seo tro amannan doirbh le Covid is duilgheadas againn luchd-obrach gu leòr fhaighinn.
"Nuair a tha sinn a' coimhead ris an t-suidheachadh air fad, tha sinn den bheachd gum bu chòir meal a naidheachd a chur air an luchd-obrach airson nan uairean fada is obair dhìcheallach a tha iad a' dèanamh gus cùram a chumail ris an luchd-còmhnaidh san t-Òb", thuirt Mgr Tallach.