Rabhadh mu theintean monaidh mar thoradh air riaghailtean falaisgeir ùra

FalaisgearTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha buidhnean dùthchail air rabhadh a thoirt gum faod riaghailtean ceadachd ùra mu fhalaisgearan barrachd theintean fiadhaich adhbharachadh air a' bhlàr a-muigh.

Tha Fearann agus Oighreachdan na h-Alba a' cumail a-mach gu bheil cumhaichean teicnigeach an cois an sgeama ceadachd ùir airson falaisgearan a' fàgail nach tèid aig manaidsearan fearainn cead fhaighinn ann an tìde.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun d' fhuair uachdarain ùine gu leòr dèanamh deiseil airson nan laghan ùra.

Tha an rabhadh a' tighinn an dèidh sreath theintean monaidh air feadh Alba sa chealla-deug mu dheireadh, feadhainn san Eilean Sgitheanach agus an Gallaibh nam measg, a thòisich san t-sìde bhlàth thioram a bh' ann.

Thug Seirbheis Smàlaidh na h-Alba rabhadh an t-seachdain seo chaidh gun robh an cunnart gum biodh teine monaidh ann aig ìre èiginneach.

'S e falaisgear - far a bheilear a' cur teine thuige a-muigh air an dùthaich a dh'aona-ghnothach - aon dòigh a th' aig uachdarain airson bacadh a chur air teintean air nach bi smachd.

Tha seo a' brosnachadh fàs ùr san fhraoch a bhios cearcan-fraoiche agus beathaichean eile ag ithe, agus tha e cuideachd a' cur às don duilleach a dh'fhaodadh a bhith na stuth connaidh do theintean fiadhaich.

Tha dragh ann ge-tà gum faod an cleachdadh seo milleadh a dhèanamh air talamh mòintich a tha cudromach a thaobh a bhith a' stòradh càrboin, agus gun dèan e cron air fiadh-bheatha.

Teine mòr monaidh ann an Gleann Dail Tùs an deilbh, SAM BILNER
Fo-thiotal an deilbh,

Bha criubhaichean bho thrì stèiseanan smàlaidh ris an obair feuch smachd fhaighinn air teine monaidh san Eilean Sgitheanach bho chionn ghoirid

Bidh sgeama ceadachd nas cruaidhe air a thoirt a-stach san t-Sultain fo Achd Riaghlachd Fiadh-Bheatha agus Falaisgearan, taobh a-muigh, fom bi falaisgearan gu ìre mhòr air an casg ach ann an cuid de shuidheachaidhean cuingichte.

Thuirt Ross Ewing bho Fhearann agus Oighreachd na h-Alba: "Ma nì ministearan am pròiseas ro dhoirbh sguiridh daoine de bhith ri falaisgear uile gu lèir agus tha sin a' fàgail gu bheil e gu bhith nas duilghe dèiligeadh ri teintean fiadhaich."

Tha Comann Gheamairean na h-Alba agus Aonadh Thuathanach na h-Alba cuideachd air draghan a nochdadh mun reachdas.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad ag aithneachadh gum biodh falaisgearan a' dèanmh feum ach gun robh ùine gu leòr air a bhith aig manaidsearan fearainn deasachadh airson nan riaghailtean ùra.

Thuirt neach-labhairt: "Nì an sgeama cinnteach gum bi falaisgear ga dhèanamh le daoine sgileil agus air an trèanadh air a shon airson agus nach dèan e cus cron air talamh mòintich agus àrainneachdan cugallach eile."