Prìsean Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh ag èirigh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun èirich cosgaisean beathaichean a spadadh aig Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh 5% nuair a dh'fhosglas e a-rithist san Lùnastal.
Fiù 's leis an àrdachadh, chan eil dùil gum bi an goireas - a tha air a ruith le Comhairle nan Eilean Siar - a' dèanamh prothaid.
Coinnichidh buill de Comataidh na Còmhdhail agus a' Bhun-structair gus a' chùis a dheasbad Dimairt seo tighinn, taobh a-muigh.
Cluinnidh iad gun do chaill an taigh-spadaidh £16,000 an-uiridh.
Moladh
Tha aithisg mun chùis ag ràdh ged nach eil e gu maith luchd-cleachdaidh cosgais na seirbheis a chur suas, gu bheilear a' moladh àrdachadh de 5% a chur an sàs.
Bhiodh an taigh-spadaidh fhathast gann de mu £10,000 leis an àrdachadh.
A thuilleadh air sin, tha an aithisg ag innse gun do sheall obair-sgrùdaidh san Fhaoilleach gu bheil an togalach a' cur feum air obair a chosgas suas ri £35,000.
Tha an aithisg ag ràdh gum feumar beachdachadh air cò às a thig an t-airgead sin, agus 's dòcha an obair a dhèanamh thairis air dà bhliadhna ionmhais.
Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, gun tèid coimhead air dòighean eile gus airgead a thoirt a-steach agus cosgaisean a ghearradh.
Dh'aidich e nach bi an t-àrdachadh furasta do chroitearan, ach thuirt e nach eil mòran roghainnean ann.
Seasmhach
"Chan eil duine againn ag iarraidh a bhith a' faicinn phrìsean ag àrdachadh ann an rud sam bith nar beatha. Tha fiosam nach bi gu leòr a' cur fàilte air seo, ach gu mì-fhortanach tha gu leòr a' tuigsinn cuideachd ma tha an taigh-spadaidh gu bhith ann, feumaidh sinn na prìsean a chur an àirde airson an t-àite a chumail seasmhach agus nach bi e a' call uiread de dh'airgead", thuirt e.
Dh'innis an Comh. MacLeòid nach eil e den bheachd gun urrainn dhan Chomhairle a' bheàrn a lìonadh iad fhèin.
"Leis mar a tha an suidheachadh ionmhais an-dràsta, tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math duilich dhan Chomhairle tuilleadh airgid a chur a-steach. Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math duilich dha-rìribh leis mar a tha an t-uallach ann 'son seirbheisean eile a' ruith.
"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh diofar ann ma thig na prìsean an àirde. Mar a thuirt mi, chan eil duine againn ag iarraidh a bhith a' faicinn phrìsean a' dol an àirde, ach mar a tha cùisean a' dol san t-saoghal anns a bheil sinn, tha mi a' smaoineachadh gum feum iad a dhol an àirde 'son an t-àite a dhèanamh nas seasmhaiche", thuirt e.