Beachdan air Sràid na h-Acadamaidh gan sireadh

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na GàidhealtachdTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh beachdan bhon phoball air planaichean a tha san amharc aca gus ath-dhealbhachadh a thoirt air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis.

Chaidh dealbhan, taobh a-muigh fhoillseachadh air-loidhne Diciadain gus cothrom a thoirt do dhaoine sùil a thoirt orra agus an cuid bheachdan a thoirt seachad.

Thairis air na seachdainean ri thighinn thèid cuireadh a thoirt do ghnìomhachasan, do bhuidhnean ionadal agus dhan phoball barrachd a chluinntinn mu na planaichean airson Sràid na h-Acadamaidh.

Thèid na planaichean cuideachd a thaisbeanadh timcheall bhaile Inbhir Nis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air maoineachadh fhaighinn bho Riaghltas na h-Alba gus leasachadh a thoirt air an t-sràid.

Àite nas tarrangiche

Mar phàirt den leasachadh feumar slighe baidhsagail a stèidheachadh a leigeas le daoine a dhol air baidhsagal gu sàbhailte tro mheadhan a' bhaile.

''Thar nam bliadhnaichean tha deasbad air a bhith ann mu Shràid na h-Acadamaidh.

"Tha e gad thoirt gu meadhan a' bhaile, agus tha cothrom againn pìseach a thoirt air an sgìre gus a dhèanamh nas tarraingiche agus nas fhallaine dhan a h-uile duine a bhios ga cleachdadh'', thuirt an Comhairliche Ken Gowans.

Am measg nam planaichean, thathas airson leudachadh a thoirt air na cabhsairean gus am bi barrachd rùm aig luchd-coiseachd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air na beachdan a gheibhear mus tèid na dealbhan as ùire fhoillseachadh as t-fhoghar.