Adhartas dha Taigh-Cèilidh Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Teàrlach Wilson agus an togalachTùs an deilbh, Teàrlach Wilson / Facebook
Fo-thiotal an deilbh,

Teàrlach Wilson le iuchair an togalaich.

Cheannaich a' bhuidheann a tha a' strì airson Taigh-Cèilidh Gàidhlig an Steòrnabhagh togalach sa bhaile.

Tha dùil aca fhosgladh ro dheireadh na bliadhna mar àite-cruinneachaidh agus cafaidh far am faighear beagan far na prìse ma bhruidhnear a' Ghàidhlig.

Tha an togalach air Sràid na h-Eaglaise cuideachd gu bhith fosgailte an t-seachdain seo fhèin mar rud air am bi 'pop-up' taigh-cèilidh.

Thuirt Teàrlach Wilson a tha os cionn na h-iomairt gur e ceum mòr a tha seo dhaibh.

"'S ann am meadhan Steòrnabhaigh a tha an togalach agus ann an àite gu math feumail", mhìnich Mgr Wilson.

"Chan eil e cho mòr ach tha sinn a' creids' gun dèan e a' chùis. Tha e cudromach gu bheil airgead a' tighinn a-steach air sgàth 's gum bi luchd-obrach againn is cunntasan is rudan, ach aig a' cheart àm tha sinn ag iarraidh rudeigin a tha coltach ris an taigh-cèilidh traidiseanta a bh' ann", thuirt e.

Dh'innis Mgr Wilson gum bi fàilte air a h-uile duine agus gum bi tachartasan ann do dhaoine aig nach eil a' Ghàidhlig.

Gheibh daoine 10% far na prìse ge-tà, nuair a nì iad òrdugh sa Ghàidhlig.

"Bidh sinn ann an sheo"

Thuirt Mgr Wilson gu bheil e mothachail gu bheil cuid den bheachd gur e beachd fuadan a th' ann, ach thuirt e gur e ceum cudromach a tha seo.

"Tha mi den bheachd gum bi daoine a' smaoineachadh gu bheil sinn caran mì-nàdarrach air sgàth 's nach eil àite mar seo ann ann an Steòrnabhagh.

"Nuair a bhios tu a' dol a dh'àite eile ann an Steòrnabhagh, ma tha thu airson Gàidhlig a bhruidhinn feumaidh tu faighneachd an toiseach "a bheil Gàidhlig agaibh?"

"Ma tha thu 'son Gàidhlig a chleachdadh bidh sinn ann an sheo. Mura h-eil tha sin ceart gu leòr - tha àitichean gu leòr ann an Steòrnabhagh!", thuirt e.

Thuirt e le Fèis Cheilteach Innse Gall a' dol an t-seachdain seo gu bheilear an dùil an taigh-cèilidh fhosgladh mar 'pop-up'.

Bidh e fosgailte mar sin fad beagan sheachdainnean.

Dh'innis e gur e cothrom a bhios ann cuideachd innse do dhaoine mu na planaichean a th' aca.

Tha dùil às dèidh sin ri luchd-togail aig deireadh an Lùnastail agus an uairsin fosgladh ceart ro dheireadh na bliadhna.