Dùil ri seirbheis-aiseig air ais eadar Ùige, An Tairbeart is Loch nam Madadh Dihaoine

  • Air fhoillseachadh
An MV Hebrides

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad an dòchas gun gabh seirbheisean aiseig eadar Ùige, An Tairbeart agus Loch nam Madadh ath-stèidheachadh Dihaoine.

B' fheudar an MV Hebrides a thoirt far na slighe agus a chur gu Abhainn Chluaidh Dimàirt airson obair a dhèanamh air an t-siostam smàlaidh, a' fàgail chùisean bun os cionn do luchd-siubhail.

Ann am brath-naidheachd Diaordaoin dhearbh CalMac gum bi iad a' toirt an MV Isle of Mull far na slighe àbhaistich aice eadar an t-Òban agus Muile airson na seirbheis eadar Uibhist a Tuath, Na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach.

Thuirt Àrd-oifigear ChalMac, Robbie Druimeanach: "Rinn sinn ar dìcheall dèanamh cinnteach àite air bòrd shoithichean eile fhaighinn dhan a h-uile duine a bha còir siubhal air an Hebrides an t-seachdain seo.

"Ach ràinig sin ìre far am b' fheudar dhuinn plana eile a chur an gnìomh.

Fuasgladh eadar-amail

Thèid bàtaichean a ghluasad eadar na diofar shlighean airson sin a choileanadh.

"Thig an Isle of Mull gu Loch nam Madadh feasgar agus 's e an MV Coruisk a bhios a' seòladh na h-àite eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair," mhìnich Mgr Druimeanach.

"'S e fuasgladh eadar-amail a tha seo gus am bi an Hebrides air a càradh. Tha dùil gum bi an obair sin deiseil oidhche Shathairne agus tha dùil againn gum bi i air ais ann an seirbheis Là na Sàbaid.

"Chan e an fhreagairt as fheàrr a bhith a' gluasad shoithichean ach gu math tric 's e an aon roghainn a th' againn ma tha sinn a' dol a chumail oirnn a' ruith sheirbheisean riatanach.

"Tha mi garbh duilich mun bhuaidh air luchd-siubhail agus coimhearsnachdan an dèidh call an Hebrides."