"Àrainneachd nàimhdeil" air a chruthachadh mu leabhar
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-poileasaidh na Gàidhlig air diùltadh dèiligeadh ris an fhianais a chaidh a chur air adhart anns an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a rèir fhir de phrìomh ùghdaran an leabhair.
Tha an t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin ag ràdh gu bheil oifgich poileasaidh a dh'aona-ghnothaich air "àrainneachd nàimhdeil" a chruthachadh timcheall an leabhair agus na molaidhean a th' ann airson sùil às ùr a thoirt air crìonadh anns na coimhearsnachdan Gàidhealach.
Bha e a' bruidhinn aig toiseach co-labhairt na buidhne-rannsachaidh Soillse, ann an Steòrnabhagh.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi cothrom ann, gu h-àraid aig muinntir nan Eilean, bruidhinn air an t-slighe air adhart," thuirt an t-Oll. Ó Giollagáin.
Fianais
"Tha e cho soilleir sin gu bheil staing Gàidhlig ann, gu h-àraid am measg nan coimhearsnachdan tùsanach Gàidhlig, agus cha deach adhartas sam bith, gu h-àraid bhon uair a thàinig an leabhar a-mach dà bhliadhna air ais.
"Tha dà bhliadhna air a dhol seachad agus cha deach adhartas a dhèanamh mun dùbhlan air fad a th' ann aig na coimhearsnachdan Gàidhlig a tha fhathast ann.
"Tha fios againn gun robh Covid ann, ach a dh'aindeoin sin cha deach deasbad onorach, fosgailte a thogail air na ceistean a bha an lùib an leabhair. An fhianais a th' ann.
"Chan eil Bòrd na Gàidhlig no an Riaghaltas a' gabhail diù mar as ceart air na dùbhlain, air an fhianais a th' ann.
"Tha e furasta gu leòr a bhith a' diùltadh nan ùghdarran, ach ma tha iad a' diùltadh na fianais a th' anns an leabhar tha iad a' diùltadh na coimhearsnachd. Chan e bun-stèidh falainn a tha an sin airson deasbaid phoblaich.
"Tha na buidhnean oifigeil, agus feadhainn ann an oilthighean cuideachd ag iarraidh cumail a-mach gu bheil an leabhar seo connspaideach.
"Tha an leabhar seo saidheansail. Tha fianais ann.
"Nuair a thig fianais ùr dhan t-solas feumaidh gach duine gabhail ris an dùbhlan sin agus deasbad a thogail mu na ceistean.
"Chan eil na buidhnean oifigeil Gàidhlig no an Riaghaltas deònach a dhol an sàs san deasbad sin mar as ceart.
"Tha sinn a' cur fàilte air gach beachd aig a' cho-labhairt seo.
"Ach ma tha deasbad gu bhith feumail, feumaidh sinn a bhith ag amas air na dùbhlain a th' ann.
"Chan eil an deasbad a tha an-dràsta ann ag amas air an staing a th' ann.
Làmh nas Làidire
"'S e a' phrìomh cheist a th' ann an-dràsta, am bi coimhearsnachdan Gàidhlig ann an ceann deich bliadhna eile? An ceann ginealaich eile?
"An dòigh a tha cùisean an-dràsta, tha e soilleir nach eil na poileasaidhean agus na dòighean-obrach oifigeil a th' ann làidir gu leòr, chan eil iad a' gabhail gnothaich mòr gu leòr airson a bhith a' cumail taic ris a' choimhearsnachd.
"Ma tha toraidhean airson tighinn a-mach às na deasbadan seo, tha sinn ag iarraidh gum bi àite aig muinntir nan Eilean, gum bi làmh fada nas làidire aca fhèin air poileasaidhean Gàidhlig agus dòighean-obrach mu bhith a' cumail taic ri coimhearsnachdan na Gàidhlig.
"Chan eil guth làidir gu leòr aig coimhearsnachdan na Gàidhlig ann am buidhnean leasachaidh na Gàidhlig, agus tha sinn ag iarraidh a bhith ag amas air a' cheist seo sa cho-labhairt seo."
Thuirt Bòrd na Gàidhlig, fhad 's a tha iad ag obair mu choinneimh an ath-phlana chànain nàiseanta, gu bheil iad air sreath de cho-chomhairlean a chumail, a' toirt a-steach choimhearsnachdan dùthchasach a' chànain.
Thuirt iad gu bheil iad air 60 post oifigeir leasachaidh Ghàidhlig a mhaoineachadh bho chionn ghoirid, an dàrna leth dhiubh ann an coimhearsnachdan eileanach.
Dh'fhaighnich am BBC dhiubh gu sònraichte mun phuing aig Soillse gu bheil iad air diùltadh dèiligeadh ris an fhianais san leabhar aca, ach cha d' fhuaireas freagairt bhuapa air sin.