Fèis HebCelt a' cur ris an eaconomaidh ionadail

  • Air fhoillseachadh
Fèis Ciùil Innse GallTùs an deilbh, Colin Cameron

Tha rannsachadh ùr a' sealltainn gun do chuir Fèis Cheilteach Innse Gall còrr air £4m ri eaconomaidh nan Eilean Siar am-bliadhna.

Bha an fhèis a' comharrachadh 25 bliadhna san Iuchar am-bliadhna agus bha na mìltean an làthair.

Dh'iarr an fheadhainn a tha a' cur an HebCelt air dòigh rannsachadh eaconomaigeach air na tha e a' toirt a-steach de dh'airgead dhan eaconomaidh ionadail. Fhuaireadh gun robh buannachd £4.2m ann.

Bha còrr air 18,500 neach an làthair aig fèis na bliadhna ann an Leòdhas. Cha deach an fhèis a chumail san dà bhliadhna mu dheireadh air sàilleibh a' phandemic.

Bha Texas, Seasick Steve, Elephant Sessions, Tidelines agus Julie Fowlis am measg na bh' air an àrd-ùrlar.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith na fèise ag ràdh gun do dh' èirich an àireamh a chaidh ann 4% an taca ri 2019.

Agus 's ann às na h-Eileanan an Iar a bha 20% de na bha an làthair.

Cho-dhùin aithisg MKA Economics gun robh buaidh eaconomaigeach na fèise air dùblachadh bho 2018.