New Craigs gu h-oifigeil le NHS na Gàidhealtachd an dèidh 25 bliadhna

- Air fhoillseachadh
Chaidh ospadal inntinn New Craigs ann an Inbhir Nis a chur fo shealbh NHS na Gàidhealtachd gu h-oifigeil an dèidh 25 bliadhna de sgeama ionmhais connspaidich.
Chaidh an t-ospadal a thogail sa bhliadhna 2000 le companaidhean prìobhaideach - Robertson Capital Projects, Robertson Facilities Mangement, agus Dalmore Investments - 'son NHS na Gàidhealtachd.
Tha 234 leabaidh san ionad, agus tha leudachadh air tighinn air na seirbheisean a tha gan toirt seachad ann airson gabhail a-steach daoine le seargadh-inntinn agus trioblaidean deoch-làidir is drugaichean.
Bha an t-ospadal air fear de na togalaichean a chaidh a mhaoineachadh le sgeama PFI, no Private Finance Initiative, fon robh companaidhean prìobhaideach a' pàigheadh airson na h-obrach-togail, agus airson obair-càraidh, an uair sin a' faighinn suim airgid iad fhèin gach bliadhna.
£100m
Chosg e £16.5m airson New Craigs a thogail.
Sheall rannsachadh a rinn am BBC ann an 2023 ge-tà, gur dòcha gum biodh aig NHS na Gàidhealtachd ri còrr is £100m a phàigheadh thairis air 25 bliadhna airson an togalach a chur ann an làmhan a' phobaill.
"Tha sinn toilichte a dhearbhadh gu bheil Ospadal New Craigs a-niste air a chur gu foirmeil ann an làmhan NHS na Gàidhealtachd an dèidh do chùmhnant PFI le Robertson FM tighinn gu crìch," thuirt Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Fiona Davies.
"Tha sinn taingeil airson na rinn Robertson Facilities Management ann a bhith a' ruith nan goireasan am broinn an ospadail. Tha an togalach ann am fìor dheagh staid.
"Bidh sinne a-niste an urra ris an goireas a ruith, a thuilleadh air na seirbheisean riatanach a tha gan toirt seachad air campas an ospadail.
"Tha e cudromach a dhèanamh soilleir nach toir seo buaidh no atharrachadh sam bith air seirbheisean.
"Tha mar a chaidh seo a dhèanamh na shàr-eisimpleir air co-obrachadh eadar an roinn phoblach agus an roinn phrìobhaideach airson seirbheisean slàinte a thoirt seachad do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd."