Dòmhnall Trump a' tighinn a dh'Alba

- Air fhoillseachadh
Tha Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte a' tighinn a dh'Alba an-diugh air turas pearsanta.
Tha e gu bhith a' tadhal air an dà raon ghoilf aige fhad 's a tha e san dùthaich.
Tha ceangal làidir aig Mgr Trump ri Alba, agus a mhàthair air tighinn à Leòdhas.
Chan eil dùil ris ann an Leòdhas ge-tà, a dh'aindeoin cuireadh bho BhP nan Eilean Siar Torcuil Crichton.
Tha iomairt mhòr teàrainteachd an sàs agus dùil cuideachd gun coinnich e ris a' Phrìomhaire agus ris a' Phrìomh Mhinistear.
Tha na mìltean oifigearan poileas an sàs, bidh casg air itealain ann an cuid de dh'àitichean, agus chaidh feansaichean fad mhìltean de dh'fhaid a thogail timcheall air na raointean goilf aige.
Tha dùil ri togail fianais an aghaidh an turais aige.
"Tha luchd nan aonaidhean ciùird againn, luchd-gnìomha sochairean do chiorramaich, daoine bhon choimhearsnachd LGBTQ, bho na buidhnean dlùth-phàirteachais - an Ucràin, Pailistin, CND," thuirt Tommy Caimbeul bhon bhuidhinn Stop Trump Scotland.
"Tha sinn ag iarraidh a h-uile duine a thoirt còmhla, buidhnean agus daoine, a tha a' gabhail Dòmhnall Trump a bhith an seo air an t-sròin."
Turas Neo-àbhaisteach
Tha cuid ge-tà, nach eil idir an aghaidh an turais aige.
"Tha sinne sa choimhearsnachd an seo a' cur fàilte air," thuirt Dàibhidh MacUallais à Comhairle Coimhearsnachd Menie ann an Siorrachd Obar Dheathain.
"Tha e air ionad goilf sònraichte a thogail an seo, agus tha e an seo airson an dàrna raon-goilf aige a fhosgladh ann.
"'S e na rinn e seo, airgead mòr a chur an sàs. Tha sinne na seo airson taic a nochdadh dhan sin."
Tha an Taigh Geal ag ràdh gun coinnich an ceann-suidhe ri Sir Keir Starmer gus bruidhinn mun aonta malairt a chaidh ainmeachadh sa Chèitean.
Tha ceannardan gnothachais, feadhainn bho ghnìomhachas an uisge-bheatha nam measg, an dòchas gun tig lùghdachadh ann an cìsean a-mach à seo.
Tha dùil gun cuir an ceann-suidhe an deireadh-seachdain seachad ann an Turnberry mus siubhail e chun an ear-thuath, gu Menie, far am fosgail e raon goilf ùr.
'S e turas neo-àbhaisteach a th' ann. Chan ann tric idir a tha cinn-suidhe air tursan prìobhaideach den t-seòrsa seo a ghabhail, agus e a' tighinn aig àm nuair a tha Mgr Trump fo chuideam sna Stàitean Aonaichte mu na ceanglaichean aige ri Jeffrey Epstein.