"Aintighearnas" an lùib leasachaidhean ath-nuadhachail aig tuath

Ionad-stòraidh BataraidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha ball den Phàrlamaid Albannaich aig tuath ag ràdh gu bheil aintighearnas ga dhèanamh air muinntir na Gàidhealtachd le "sìor-ionnsaigh" de phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail.

Bha am BPA Tòraidheach Eideart Mountain a' bruidhinn an dèidh coinneimh phoblaich ann an Inbhir Ùige na bu thràithe an t-seachdain seo far an deach dragh a thogail mu cho sàbhailte 's a tha sgeamaichean stòraidh bataraidh.

Nochd dragh cuideachd mun bhuaidh a dh'fhaodadh leasachaidhean mòra cumhachd ath-nuadhachail a thoirt air turasachd.

Thuirt Mgr Mountain gu bheil e a' faireachdainn nach eil feart idir ga thoirt air dragh choimhearsnachdan ionadail, 's rinn e coimeas eadar an suidheachadh agus na fuadaichean.

"B' e pàirt dubh nar n-eachdraidh a bh' anns na fuadaichean far an deach daoine a chur às na glinn 's thugadh orra eilthireachd a dhèanamh. 'S e sin gu dìreach na tha a' tachairt le tuathan-gaoithe agus ionadan-stòraidh bataraidh," thuirt e.

"Tha tighinn air daoine ionadail a tha a' fuireach faisg air na h-àiteachan seo gluasad air falbh.

"Tha aon thuathanach ris an do bhruidhinn mi na èiginn falbh, ach chan urrainn dha a chroit a reic.

"Chan eil duine ga iarraidh leis gu bheil dùil ri ionad-stòraidh bataraidh san sgìre.

"'S e aintighearnas a tha sin."

Moratorium

Tha e ag iarraidh casg rè ùine air leasachaidhean den leithid, 's gun dèan an Riaghaltas plana an dèidh co-chomhairleachadh air far an tèid leasachaidhean den leithid a chur.

"Feumaidh iad bruidhinn ri muinntir an àite mus dèan iad e. Chan fhaod iad dìreach dalladh orra" thuirt e.

"Diùltaidh Comhairle na Gàidhealtachd leasachadh ann an àite, thèid e sìos gu Aonadh Ceadachd a' Chumhachd a dh'fhaodadh a dhiùltadh cuideachd, 's an uair sin gabhaidh an Riaghaltas ris.

"Feumaidh e stad. Feumaidh moratorium a bhith ann, agus feumaidh sinn beachdachadh às ùr air mar a thèid sinn air adhart le seo."

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e cudromach beachachadh air a' buaidh air "coimhearsnachdan" agus "nàdar" ann a bhith a' co-dhùnadh far an tèid leasachaidhean ùra air adhart.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e "riatanach gum faigh daoine air feadh na dùthcha an earrann den bhuannachd mhòir eaconomaich agus sòisealta a thèid a chruthachadh mar a leasaicheas Alba na goireasan ath-nuadhachail againn".