Taic do phlana-gnothachais a' Chorrain
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean gluasad air adhart le plana-gnothachais airson dà aiseag a bhiodh a' ruith air dealan a chur air slighe a' Chorrain.
A thuilleadh air na h-aiseagan, tha am plana-gnothachais, taobh a-muigh a' toirt a-steach leasachadh air na cidhichean is goireasan eile air tìr.
Nochd na planaichean gu poblach aig toiseach na mìos.
Chuir Comataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair taic ris a' phlana Diardaoin.
Thuirt cathraiche na comataidh, an Comh. Ken Gowans, gun do sheall sgrùdadh a rinn a' Chomhairle gur e ceangal deatamach a th' ann an Aiseag a' Chorrain a thaobh chosnaidhean is seirbheisean eile, is gu bheil e cuideachd fìor chudromach do thurasachd.
Dh'innis e gun obraich Comhairle a Gàidhealtachd le Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte is na h-Alba gus maoineachadh fhaighinn airson na leasachaidhean a chur air adhart.
Chuir a' Chomhairle £1.6m mu seach roimhe 'son obair-dealbhachaidh air na cidhichean is na h-aiseagan.
Fuasgladh
Chuala a' chomataidh nach eil gealltanas air maoineachadh a bharrachd aig an ìre seo agus fiù 's ged a bhiodh, gun toireadh e trì bliadhna co-dhiù mus biodh na h-aiseagan deiseil.
Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Tòmas MacIllinnein, gu bheil feum air fuasgladh cho luath 's a ghabhas.
"Tha seo coltach ri eilean ann an iomadh dòigh", thuirt an Comh. MacIllinnein.
"Thug an riaghaltas gnothaichean mar RET a-steach roimhe 'son coimhearsnachdan eileanach a chuideachadh agus air diofar adhbharan, cha robh dad mar sin ann do dh'Aiseag a' Chorrain.
"Tha an ceangal seo cho cudromach is feumaidh sinn fuasgladh làidir fhaighinn a tha seasmhach is maireannach", thuirt e.
Tha cothrom aig a' choimhearsnachd ionadail barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na planaichean is beachd a thoirt orra aig tachartas, taobh a-muigh ann an Talla Àird Ghobhar tron fheasgar Diardaoin.
Bidh cothrom beachd a thoirt seachad air-loidhne, taobh a-muigh às dèidh sin.