Rèile-beinne ga fosgladh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Rèile-beinnne a' Chàirn GhuirmTùs an deilbh, HIE

Thèid an rèile-beinne as àirde san Rìoghachd Aonaichte fhosgladh a-rithist dhan phoball Diardaoin, às dèidh dhi a bhith dùinte fad ceithir bliadhna.

Chaidh an rèile-beinne aig ionad-sgìthidh a' Chàirn Ghuirm a dhùnadh san t-Sultain 2018 às dèidh dha tighinn am follais gun robh trioblaidean ann le bun-structar na loidhne.

'S ann leis a' bhuidhinn phoblaich Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean(HIE), a tha an goireas.

Chosg an obair-càraidh £25m, le £16m a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Dh'fhosgladh an rèile-beinne, a chosg £26m, ann an 2001 agus bidh e a' giùlain luchd-spòrs-sneachda agus luchd-turais dhan raon-sgìthidh agus dhan taigh-bìdh faisg air mullach na beinne.

Thòisich an obair-càraidh còmhla ris an obair 'son an loidhne a neartachadh as t-Earrach 2021.

Dàil

Ach chuir am pandemic, gainnead stuth-togail agus droch shìde dàil air a' phròiseact - a' fàgail chosgaisean ag èirigh, agus a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh an goireas fhosgladh a-rithist cho tràth 's a bhathar an dòchas.

Chaidh heileacoptairean a chur an sàs 'son stuth-togail a ghiùlain suas air a' bheinn agus chaidh uidheamachd riatanach ùrachadh.

Mar phàirt den dùbhlan a bha mu choinneimh an luchd-einnsiniridh, bha aca ri dèanamh cinnteach nach rachadh cron a dhèanamh air talamh-mòintich agus gun rachadh creagan a chur air ais gu far an robh iad airson crotal a dhìon.

Obair-càraidh
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich obair-càraidh agus neartachadh air a' bhun-structar ann an 2021

B' fheudar dhan ionad deuchainnean a dhèanamh agus teisteanas-sàbhailteachd fhaighinn bho Roinn na Còmhdhail mus robh cead aca fhosgladh dhan poball a-rithist.

Thuirt Susan Nic a' Ghobhainn, Àrd-oifigear na companaidh Beinn a' Chàirn Ghuirm Alba Eta gun robh an goireas cudromach do dh'eaconamaidh na sgìre.

"Tha seo a' fastadh dhaoine a bhuineas dhan àite, agus ma tha an t-ionad-sgìthidh trang, bidh taighean-òsta, taighean-bìdh, còmhdhail agus bùithtean trang", thuirt i.

Càineadh

Chaidh a thomhas ann an 2019 gun cosgadh an obair-càraidh mu £10m.

Thuirt HIE aig an àm gum biodh e na bu shaoire an rèile-beinne a chàradh na an loidhne a leagail.

Ach tha cuid air an obair a chàineadh.

Thuirt an sreapadair agus sgìobhadair Cameron McNeish, a bha cuideachd an aghaidh nam planaichean 'son an rèile mus deach a togail, ann an 2021 gun robh còir aca an goireas a thoirt far na beinne agus leigeil leis an raon tilleadh gu nàdar.