Raon-deighe Inbhir Nis gus dùnadh fad trì mìosan
- Air fhoillseachadh

Bidh Raon-deighe Inbhir Nis dùinte airson trì mìosan airson cosgaisean a ghearradh.
Ach cuiridh iad rudan eile air adhart anns an ionad mar thachartasan ciùil airson airgead a thoirt a-steach.
Bidh an raon gun deigh eadar an Giblean agus an t-Ògmhios.
Bidh spòrs deighe de gach seòrsa ga chluich aig an raon-deighe, nam measg spèileadh-shamhlaidhean, croladh is hocaidh-deighe.
Thuirt a' bhuidheann-charthannais a bhios a' ruith an raoin-deighe gun leaghadh iad an deigh às dèidh dhan t-seusan crolaidh a bhith air thighinn gu ceann.
Falamh
"Chan eil sinn a' dèanamh airgid gu leòr bho thachartasan air an deigh a-mhàin is mar sin dheth gus an goireas seo a chumail fosgailte feumaidh sinn barrachd thachartasan far na deighe a chur air dòigh," thuirt Cathraiche Ionad-deighe Inbhir Nis, Mìcheal Green.
"As t-samhradh, aig amannan, 's ann mar an Marie Celeste a tha an t-àite seo, tha e falamh là as dèidh là.
"Bidh spòrs-deighe fhathast a' dol an seo fad naoi mìosan den bhliadhna."
Am measg nan tachartasan a tha iad an dùil a chumail tha cuirmean-ciùil, agus fèisean uisge-beatha agus gin.
Bidh tachartas bogsaidh ann cuideachd, air a bheilear a' toirt "Thriller in the Chiller".