Geamaichean coimpiutair sa Ghàidhlig gus fàs nas pailte?

Geama
  • Air fhoillseachadh

"Air làr san toll-dubh, cha bhi grian."

Uill, 's dòcha nach bi, ach tha spòrs gu leòr ri lorg anns an toll-dubh seo co-dhiù.

Gheibh cluicheadairean geama-coimpiutair ùir an cothrom sgrìob a ghabhail tro tholl-dubh, agus thèid an geama air fad a chluich sa Ghàidhlig.

'S e a' chompanaidh Albannach 'Ant Workshop' a th' air cùl a' gheama 'Into the Restless Ruins'.

"'S e gèama ann an dà phàirt a th' ann," thuirt stiùiriche Ant Workshop, Tony Gowland.

"Sa chiad phàirt bidh na cluicheadairean a' faighinn chàirtean agus air na càirtean tha pìosan de mhapa de tholl-dubh, seòmraichean is trannsairean, is mar sin air adhart.

"Bidh iad a' cruthachadh an tuill-dhuibh san dòigh sin agus an uair sin san dàrna pàirt den gheàma thèid na cluicheadairean ann an riochd caractair bhig a bhios a' gabhail cuairt tron toll-dubh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Chluich mi beagan den demo is tha e glè inntinneach," thuirt Kayleigh NicLeòid, a tha na h-òraidiche air dealbhachadh gheamaichean-coimpiutair aig Oilthigh Obair Thatha.

"Is toil leam an stoidhle gheama seo, agus tha an dreach Gàidhlig ag obair agus tha e a' freagairt ri sgeulachd a' gheama."

Thòisich an sgioba aig Ant Workshop le beachd gun robh iad airson geama a chruthachadh a' cleachdadh dualchas is sgeulachdan os-nàdarra na h-Alba.

"Chan eil cus gheamaichean stèidhichte air dualchas na h-Alba, agus tha fìor bheartas de sgeulachdan is caractaran ann," thuirt Tony.

"Agus tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri còmpanaidh sa Chumrigh, Wales Interactive, b' iadsan a dh'fhoillsich an geama.

"Thog iadsan a' phuing gun robh an geama stèidhichte air sgeulachdan bho dhualchas na h-Alba, am biodh ùidh agaibh agus am biodh e comasach dhuibh cuideigin a lorg a chuireadh dreach Gàidhlig air a' gheama dhuibh?

Duais

Gheibh cluicheadairean duais shònraichte airson a bhith a' cluich ìre air fad den gheama sa Ghàidhlig.

A rèir Kayleigh NicLeòid, tha fàs a' tighinn air an àireimh de gheamaichean a tha rim faighinn sa Ghàidhlig mean air mhean.

"Tha mi a' smaoinntinn gum bi sinn a' faicinn barrachd den leithid anns na bliadhnaichean ri thighinn.

"Chan e rud furasta, no saor, a th' ann an eadar-theangachadh de gheamaichean mòra le tòrr còmhraidh air an clàradh le cleasaichean.

"Chan eil sinn a' faicinn chompanaidhean mòra a' dèanamh seo ach tha cuid de chompanaidhean beaga.

Cuideachd, tha fàs a' tighinn air mar a tha geamaichean gan cleachdadh ann an ionnsachadh cànain.

Geama

"O chionn beagan bhliadhnaichean, bha sinn a' faicinn daoine a' cluich JRPGs - geamaichean fantasach Iapanach - gus beagan Iapanais ionnsachadh," thuirt Kayleigh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn a' faicinn beagan den leithid sa Ghàidhlig.

"Thòisich sin le Duolingo is bha daoine a' cluich sin sa Ghàidhlig.

"Tha mi a' smaointinn gur e seo an ath-cheum, daoine a' cluich gheamaichean a bharrachd air Duolingo sa Ghàidhlig."

Tha i a' faicinn chothroman a bharrachd san àm ri teachd airson gheamairean aig a bheil Gàidhlig.

"Tha ùidh aig daoine a bhios a' cluich gheamaichean airson a bhith a' cluich nan geamaichean ann an Gàidhlig. Gu h-àraid geamaichean far am bi thu a' cluich còmhla leithid Minecraft no Stardew Valley.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil daoine airson a bhith a' dol air ais gu geamaichean a b' àbhaist dhaibh a' bhith a' cluich agus gan cluich sa Ghàidhlig."