Stailc am measg luchd-obrach an uisge-bheatha

- Air fhoillseachadh
Thèid luchd-obrach ann an taighean-staile aig tuath agus san ear-thuath, agus ann an taigh-bathair an Siorrachd Lannraig air stailc sia làithean an ath-mhìos an dèidh mar a dh'fhàilig còmhraidhean mu phàigheadh.
Dhiùlt luchd-obrach aig Inver House Distillers a tha nam buill de dh'aonadh an GMB àrdachadh 3% sa Mhàrt.
Thèid luchd-obrach an taighe-bhathair agus luchd-tèarainteachd faisg air an Àrd-Ruigh a-mach air stailc ceithir làithean bhon 2na là den Ògmhios.
An t-seachdain an dèidh sin, coisichidh luchd-obrach aig còig taighean-staile aig tuath a-mach airson dà là.
"Nochd stailc aon là sa Ghiblean cho sàraichte 's a tha luchd-obrach agus cho èiseil 's a bha còmhraidhean ceart feuch slighe air adhart a lorg," thuirt David Hume aig GMB Alba.
"Cha do thachair na còmhraidhean sin ge-tà, agus cha do nochd a' chompanaidh deòn sam bith tòiseachadh orra.
"Chan eil an dàrna roghainn aig na buill againn ach a dhol air stailc leis nach eil còmhraidhean fosgailte, geanail a' gabhail àite."
Tha an naidheachd a' tighinn dìreach làithean an dèidh dhan chompanaidh crìoch a chur air pròiseact luach £7m airson sia taighean-bathair bannaichte a thogail air an làraich aca ann an Siorrachd Lannraig.
Chuir 78% de bhuill GMB, a tha ag iarraidh àrdachadh pàighidh 4%, taic ri stailc, le 87% a' cur taic ri iomairt gann air stailc. Bhòt 71% de na dh'fhaodadh.
Dh'iarr an t-aonadh air a' chompanaidh còmhraidhean a thòiseachadh às ùr a thaobh pàigheadh.
'S ann le InterBev - fo-chompanaidh le ThaiBev, tè de na companaidhean dibhe as motha ann ear-dheas Àisia a chlàir prothaidean £600m an-uiridh - a tha Inver House.
Tha còig taighean-staile aca air Ghàidhealtachd, nam measg Balblair, Balmenach, Knockdhu, Old pulteney agus Speyburn, a thuilleadh air taigh-bathair aig a' phrìomh làraich aca ann am Moffat, faisg air an Àrd-Ruigh.
Chaidh beachd iarraidh air Inver House.