Lìonraidhean teasachaidh gam moladh airson Inbhir Nis

Dh'fhaodadh gum bi meadhan Inbhir Nis am measg nan sgìrean a gheibh teas bho lìora teasachaidh
- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich comhairlichean a dhol air adhart le planaichean airson lìonraidhean teasachaidh beag-charboin ann an Inbhir Nis.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air grunn làraichean a chomharrachadh far am faodadh iad na siostaman a chur an sàs, nam measg meadhan a' bhaile, an Longman agus sgìre an Ràthaig Mhòir.
Tha na lìonraidhean teasachaidh ag obair le bhith a' tarraing cumhachd bho àite sa mheadhan, gu math tric trò phìoban sa bheil bùrn teth a' sruthadh.
Nì oifigich an ùghdarrais ionadail measadh air na cosgaisean a bhiodh na luib agus na siostaman teasachaidh a b' fhèarr a bhiodh ann airson nan diofar lìonraidhean.
Dh'fhaodadh gun gabhadh togalaichean a theasachadh le innealan a nì teas bho adhar, uisge neo fo thalamh.
Tha bith-thomad, hàidhreaidsean agus siostaman a tharraingeas cumhachd thearmach bho bhùrn bhlàth a tha dachaighean a' cur siòs drèanaichean am measg na dh'fhaodadh a bhith air an cleachdadh cuideachd.
Tha tòrr de na togalaichean air an teasachadh leis an lìonra gas.
Thathar a' tomhas gum faodadh lìonra teasachaidh ann an Inbhir Nis a bhith a' cosg eadar £30m agus £54m.

Thathar cuideachd a' moladh gum faigh Taigh-cluiche Eden Court air taobh siar a' bhaile an teas bho lìonra teasachaidh
'S e tè de na làraichean far a bheilear a' moladh sòn a chruthachadh an taobh siar de dh'Abhainn Nis far a bheil "ìre àrd" de thaigheadas sòisealta agus cunnart gum bi daoine a' fulang bochdainn connaidh a rèir aithisg, taobh a-muigh a chaidh a dheasbad le comhairlichean an t-seachdain seo.
Sa sgìre seo tha cuideachd togalaichean a tha trom air teas, nam measg Priòmh Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd, Taigh-cluiche Eden Court, Amar-snàimh Inbhir Nis agus gàrraidhean lusan a' bhaile.
Tha togalach eile, Ionad-deighe Inbhir Nis, air a bhith a' strì le na cosgaisean cumhachd aca.
Thuirt oifigich na comhairle gum faigheadh an sgìre buannachd à lìonra teasachaidh.
Thuirt iad gum faodadh ionad cumhachd a bhith air a thogail air talamh a tha leis a' chomhairle faisg air stèideam Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd.

Tha beachd ann gum faodadh an teicneòlas a chleachdadh airson togalaichean leithid Talla a' Bhaile a theasachadh am meadhan Inbhir Nis
Thuirt na h-oifigich gu bheil meadhan a' bhaile air tè de na sgìrean as motha far a bheil togalaichean, le 298 dhiubh ann.
Nam measg iad sin tha Ionad-bhùthan an Eastgate, Caisteal Inbhir Nis agus an Talla-baile.
'S e sgìre gnìomhachais a th' anns an Longman agus tha oifigich a' moladh gun gabhadh uisge salach agus hàidhreaidsean a chleachadh airson nan siostaman teasachaidh.
Ann an sgìre an Ràthaig Mhòir, tha Ospadal an Rathaig Mhòir, Campas Inbhir Nis agus prìosan ùr na Gàidhealtachd.