Dragh mu sheirbheis a' Chorrain
- Air fhoillseachadh

Tha àrdachadh a' tighinn air na tha de luchd-siubhail a' cleachdadh na seirbheis
Thuirt àrd-oifigear aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an suidheachadh le Aiseag a' Chorrain a' tighinn gu ìre èiginnich.
Tha an dà aiseag a tha a' frithealadh na seirbheis a' fàs sean, agus a' briseadh sìos nas trice.
'S e Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' ruith na seirbheis aiseig.
Bha Manaidsear a' Phròiseict, Murray Bain, a' toirt fianais seachad Dimàirt gu Comataidh Còmhdhail na Pàrlamaid Albannaich.
Thuirt e gu bheil a' Chomhairle ag amas air dà aiseag, a bhiodh a' ruith air dealan, a cheannach airson na slighe, ach gum biodh aca ri £62m a lorg airson an ceannach - aig àm nuair a tha a tha cuideam mòr air na buidseatan aca.
Thuirt e, a thuilleadh air aois nam bàtaichean, gu bheil iad cuideachd ro bheag airson na tha de dh'fhàs a' tighinn air àireamhan luchd-siubhail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach 2023