Luchd-iomairt a' Chorrain a' sireadh chòmraidhean
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt a tha ag iarraidh gun tèid drochaid a stèidheachadh tarsainn Caolas a' Chorrain a' sireadh coinneimh le Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth.
Chuir còrr is 1000 duine ainm ri athchuinge, taobh a-muigh mun chùis thuige seo.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith Aiseag a' Chorrain, an-dràsta a' gluasad air adhart le plana airson dà aiseag a bhiodh a' ruith air dealan a chur air an t-slighe.
A rèir an luchd-iomairt ge-tà, bu chòir drochaid a bhith na prìomhachas.
Thog Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, air ceanglaichean stèidhichte ann an deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.
Dh'innis Mgr MacMhathain gu bheil an dreach as ùire, taobh a-muigh de dh'Ath-sgrùdadh an Riaghaltais air Pròiseactan Còmhdhail, a chaidh fhoillseachadh san Dùbhlachd, a' beachdachadh air ceanglaichean stèidhichte air Caolas na Hearadh, Caolas Bharraigh, is eadar agus Muile is tìr-mòr.
Cha robh guth air Caolas a' Chorrain, rud a bha na bhriseadh-dùil dhan luchd-iomairt.
Dragh
Thuirt Jeff Forrester, a thòisich an athchuinge, gum biodh drochaid na bu earbsaiche, na bu shàbhailte, is na bu shaoire do mhuinntir an àite.
Tha e ag ràdh gu bheil na daoine airson bruidhinn ris an riaghaltas mun chùis.
"'S e an rud as motha a tha ag obair oirnn nach eil e gu diofar dè chanas daoine is gnothachasan no dè na beachdan a tha sinn a' cur air adhart, chan eil duine ag èisteachd.
"Tha Comhairle na Gàidhealtachd dìreach a' dol air adhart leis a' phlana aca fhèin, chan eil iad ag èisteachd ri muinntir an àite a tha mion-eòlach air an t-suidheachadh," thuirt e.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil cruaidh fheum air aiseagan ùra air slighe a' Chorrain is gum bu chòir coimhead ri drochaid san ùine-fhada.
Thuirt Còmhdhail Alba gur ann air Comhairle na Gàidhealtachd a tha dleasdanas airson slighe a' Chorrain.
Dh'innis tè-labhairt bhon bhuidhinn gun do choinnich Jenny Gilruth ris an ùghdarras ionadail an-uiridh airson bruidhinn mu dheidhinn taic a dh'fhaodadh Còmhdhail Alba toirt seachad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach 2023
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2022