Mì-thoileachas às ùr mu Aiseag a' Chorrain

  • Air fhoillseachadh
Maid of GlencoulTùs an deilbh, Geograph/Doug Lee

Chaidh draghan a thogail mu bhacaidhean cuideim a chuireadh air an aiseag a tha an-dràsta air slighe a' Chorrain - am Maid of Glencoul.

Bha mì-thoileachas ann mar-thà is am prìomh shoitheach air an t-slighe, an MV Corran, a tha nas motha, a-mach à seirbheis an-dràsta is dàil air a dhol air obair-càraidh.

Thuirt am BPA Tòraidheach Gàidhealach Jamie Halcro Johnston nach eil an suidheachadh math gu leòr.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd Dimàirt gum bi iad a' cur casg air carbadan anns a bheil barrachd na 3.5 tonna de chuideam air am Maid of Glencoul bhon 20mh den Mhàrt.

Sàbhailteachd

Thuirt iad air adhbharan sàbhailteachd gum feum iad na th' ann de thrafaig air an t-seirbheis a lùghdachadh.

Thuirt Jamie Halcro Johnston gu bheil an t-seirbheis a' dol bhuaithe is gu bheil muinntir an àite a' fulang.

Thuirt e gum feum Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Thabhainn a' Chomhairle leisgeul is thuirt iad gu bheil iad a' cur prìomhachas air sàbhailteachd agus gun lean an t-seirbheis.

Dh'innis iad gu bheil iad an dòchas gum bi barrachd fiosrachaidh aca an ath-sheachdain a thaobh cuine a bhios an MV Corran air ais.