Mì-thoileachas le dàil eile air an MV Corran

  • Air fhoillseachadh
MV CorranTùs an deilbh, Getty Images

Tha daoine ann an Loch Abar air dragh a nochdadh is e air tighinn am bàrr gu bheil dàil eile air prìomh shoitheach Aiseag a' Chorrain tilleadh gu seirbheis.

Chan eil dùil a-nise gum bi an MV Corran air ais air an t-slighe chun a' Ghiblein.

Tha sin a' ciallachadh gum bi sia mìosan ann bho chaidh i dhan doca aig deireadh na Dàmhair airson a seirbheis bhliadhnail.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, gun do mhair an obair nas fhaide na bha dùil sa chiad dol a-mach leis gun robh feum air rampaichean a' bhàta an ìre mhath a thogail às ùr. Tha an MV Corran 23 bliadhna de dh'aois.

Trioblaid

Dh'innis iad gun robh an uair sin dàil a bharrachd ann bhon Fhaoilleach is trioblaid ann le siostam motair an t-soithich.

'S e an MV Maid of Glencoul a tha air slighe a' Chorrain san eadar-ama ach tha ise mòran nas lugha.

Bha Jeff Forrester bhon bhuidhinn iomairt Corran Narrows am measg na thog dragh mun dàil.

"Tha call air a bhith ann bho dh'fhalbh an MV Corran sa chiad dol a-mach.

"Tha companaidhean bathair ann is chan eil e comasach dhaibh an aiseag nas lugha a chleachdadh idir. Tha sin a' fàgail gu bheil barrachd làraidhean air rathaidean beaga na sgìre.

"A thuilleadh air sin, glè thric chan eil rùm gu leòr air an Maid of Glencoul airson na tha de dhaoine a tha airson a dhol tarsainn. Tha daoine a' feitheamh an sin is tha i a' falbh air ais is air adhart dhà no trì tursan mus faigh iad air bòrd", thuirt e.

Drochaid

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad misneachail gun till an MV Corran sa Ghiblean às dèidh dheuchainnean mara.

Tha an t-ùghdarras an-dràsta ag obair air plana gus dà aiseasg a bhiodh a' ruith air dealan a chur air slighe a' Chorrain.

Chosgadh seo còrr is £60m.

Tha cuid san sgìre air iarraidh gum bu chòir drochaid a thogail tarsainn Caolas a' Chorrain.