Cuirear loidhne dealain fo thalamh gus seallaidhean a ghlèidheadh

  • Air fhoillseachadh
A' ChuilthionnTùs an deilbh, Getty Images

Tha e coltach gum bi loidhne dealain ùr a thèid tron Eilean Sgitheanach air a chur fon talamh faisg air a' Chuiltheann.

B' e siud a bha am beachd a' chompanaidh SSEN nuair a chaidh aontachadh ris an ùrachadh san loidhne eadar Cille Chuimein agus an t-Eilean Sgitheanach le Ofgem ann an 2021.

Tha SSEN a-nis air dearbhadh aig Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dùil mu 10 mìle dhen loidhne, no 15km dheth, chur fon talamh, timcheall air Sligeachan, gus seallaidhean dhe na beanntan a ghlèidheadh.

Thuirt SSEN gun robh iad cuideachd air èisteachd ri fianais a fhuair iad bhon mhòr-shluagh.

Tha oifigich dealbhachaidh aig Comhnairle na Gàidhealtachd air moladh do chomhairlichean gum bu chòir dhaibh planaichean SSEN a cheadachadh.

Chaidh an lòidhne dealain a tha ann an-dràsta a thogail ann an trì earranan eadar 1956 agus 1989, agus tha e a-nis feumach air ùrachadh.