Riaghaltas a' gealltainn leasanan ionnsachadh mu thaic àiteachais

Fo-thiotal a’ bhidio,

Jim Fairlie a' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Ministear an Àiteachais gun ionnsaich Riaghaltas na h-Alba leasanan mu thaic-airgid do thuathanaich is croitearan is gun dèan iad cinnteach gu bheil e "air a thargaideachadh nas fheàrr san àm ri teachd".

Bha Jim Fairlie a' freagairt cheistean aig Holyrood feasgar Dimàirt is mì-thoileachas mòr ann mu dheidhinn mar a chaidh airgead bho sgeama ùr a roinn a-mach.

Thàinig e am bàrr san deasbad cuideachd gur e dìreach 4,000 tagradh 'son taic à còrr is 7,000 uile gu lèir a bha air am measadh, leis nach robh an còrr a rèir nan riaghailtean.

'S ann airson obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas a tha maoineachadh ùr FFIS, taobh a-muigh is bha Riaghaltas na h-Alba air a radh gum biodh prìomhachas ann dhan "ath ghinealach do thuathanaich is croitearan is gnothachasan eileanach".

Bha Caidreachas na Croitearachd am measg na thog dragh anns na làithean mu dheireadh ge-ta, is iad ag ràdh gur e glè bheag de chroitearan a fhuair dad às.

Tha an caidreachas air soillearachadh iarraidh bhon riaghaltas is iad ag ràdh gun deach suimeam mòra do sgìrean far a bheil cuid den talamh as fheàrr a th' ann.

Chaidh BP nan Eilean Siar aig Westminster, Torcuil Crichton, an sàs sa chùis cuideachd is e air iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh an sgeama a làimhseachadh.

'S e am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Jamie Halcro Johnston, a chuir ceist air Jim Fairlie mun chùis aig Holyrood Dimàirt.

Thuirt Mgr Halcro Johnston gun robh coltas ann gun deach an gnothach a dhèanamh ann an cabhag gus am biodh e comasach dha Mgr Fairlie an naidheachd fhoillseachadh aig an Fhèill Rìoghail Ghàidhealaich.

Bha cunnart ann mar sin, thuirt e, nach rachadh amasan an sgeama a choileanadh is gum biodh na mìltean de thuathanaich is croitearan air am fàgail ann an staing.

Chaidh Mgr Fairlie às àicheadh sin is e ag ràdh gun deach an sgeama a dhealbh le taic bhon ghnìomhachas is gun dèan e feum mòr.

Thuirt am BPA Làbarach aig tuath, Rhoda Ghrannd, gun robh am ministear air gealltainn gum bithear mothachail air feumalachdan eileanach, ach gur e "cuibhreann beag bìodach" de thaic a tha a' dol dha na h-Eileanan an Iar.

Dh'fhaighnich i carson a bha eileanaich air cho beag taic fhaighinn is an deach Buaidh Measadh Eileanach a dhèanamh.

Thuirt Mgr Fairlie gun robh an riaghaltas airson is gum faigheadh tuathanaich òga is croitearan taic, ach gum feumadh iarrtasan a bhith taobh a-staigh nan riaghailtean.

Thuirt e gun robh na mìltean de thagraidhean ann nach deach a mheasadh idir air sgàth 's nach robh iad taobh a-staigh nan riaghailtean "airson farsaingeachd de dh'adhbharan", is gheall e gun sgrìobh e gu Rhoda Ghrannd le tuilleadh mìneachaidh.

Tha Mgr Fairlie ag ràdh gun robh e follaiseach bho na bh' ann de thagraidhean gu bheil tuathanaich is croitearan airson a bhith ag obair leis an riaghaltas.

Gheall e gun èist e riutha.

"Ionnsachaidh sinn às a seo agus cuimhnich gur e sgeama gu math fiadhlaidh a bha seo, taic 100% gus uidheamachd a cheannach, agus 's dòcha gum feum sinn smaointinn a-rithist air taic 100%.

"Ach an rud a nì sinn, nì sinn cinnteach gu bheil an taic a tha sinn a' cur ann an àite - a tha ag obair do dh'àiteachas ann an Alba - air a targaideachadh nas fheàrr san àm ri teachd".

Sheall figearan Riaghaltas na h-Alba gun do shoirbhich le 1,672 tagradh gu nàiseanta.

Bha 18 dhiubh sin anns na h-Eileanan an Iar is 6 san Eilean Sgitheanach.