Cha thòisich obair air seach-rathad Phort Rìgh san t-Samhain

- Air fhoillseachadh
Cha thòisich obair air seach-rathad Phort Rìgh air a' mhìos seo mar a bha dùil.
Thuirt neach-labhairt do Chomhairle na Gàidhealtachd nach deach cùmhnant sam bith a thoirt seachad airson a' phròiseict agus gu bheilear fhathast a' beachdachadh air an tagradh.
Chaidh innse bho chionn ghoirid gun robh Riaghaltas na h-Alba a' toirt iasaid seachad gus pàirt den chosgais de £1.6m airson na h-obrach sa chiad dol-a-mach a choinneachadh.
Tha iarrtas air a bhith ann ùine mhòr airson an rathaid, a bheireadh faochadh do thrafaig ann am meadhan Phort Rìgh.
Tha seach-rathad air a bhith na phàirt de phlana-leasachaidh na sgìre bho 2019.
Tha dùil gum faodadh gun toir e sia mìosan an rathad a thogail.
Dhèanadh an rathad ùr ceangal eadar an A87 agus an A855 - dà shlighe air leth cudromach san Eilean Sgitheanach.
Ach thuirt neach-labhairt do Chomhairle na Gàidhealtachd: "Tha a' Chomhairle a-nise a' dearbhadh nach tòisich an obair air a' mhìos seo mar a bha dùil agus gun deach dàil a chur air na planaichean.
"Thig fios a bharrachd air na tagraidhean cho luath 's a ghabhas."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal
