Bàta air èirigh on uaigh ann am Fìobha

Jeremy ag iomradh na curaich Tùs an deilbh, Jeremy Usher-Smith
Fo-thiotal an deilbh,

Jeremy Usher Smith ag iomradh na curaich a dh'ath-chruthaich e bho fhianais arc-eòlais

  • Air fhoillseachadh

Ann an 1975 bha tuathanach ann am Fìobha a' treabhadh pàirce feuraich nach deach a threabhadh roimhe, 's lorg e rud a bha a' phàirce a' falach fad 4,000 bliadhna.

Nuair a chaidh arc-eòlaichean an sàs aig an làraich, ann am Bàgh Dhealgadaidh, lorg iad cladh o Linn an Umha.

Den iomadh rud den leithid a chaidh a lorg thar nan linntean ge-tà, bha rud a' sònrachadh a' chladh seo gu h-àraid - ann an trì de na h-uaighean, bha daoine air an tiodhlaigeadh am broinn churaichean.

Trì churaichean a dh'fhaodadh a bhith a' lìonadh beàrn nar tuigse air eachdraidh fhada na curaich eadar Breatainn agus Èirinn.

Tha fear à Bàideanach a-niste air tè dhiubh ath-chruthachadh cho faisg 's a gheibheadh e air mar a bha i air a bhith.

Curach Bhàgh DhealgadaidhTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Ath chruthachadh ùr de churach a chaidh a lorg ann am Fìobha ann an 1975 le corp na broinn

Chuala a' mhòr-chuid de dhaoine mun churaich - bàta beag air a dhèanamh de shlatan agus de chraiceann a dh'fhaodas tu a chur ri do dhruim 's a ghiùlain.

Bha fhios le cinnt againn gun robh iad gan cleachdadh ann am Breatainn o chionn ùine mhòir, agus Julius Ceasar air iomradh a thoirt orra.

Thug sgrìobhaichean leithid Mhàrtainn MhicIlleMhàrtainn fianais dhuinn gun robh iad gan cleachdadh air taobh an iar na Gàidhealtachd o chionn beagan cheudan bhliadhnaichean, agus tha iad fhathast nam bàtaichean obrach air trì aibhnichean sa Chuimrigh.

Cha do shaoil duine riamh ge-tà, gun deadh tè dhiubh - gun luaidh air trì - a lorg a bha cho buileach sean.

Curach Chéasla Dhùn nan Gall, agus Curach SpèTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Bha curaichean leithid na tè cruinn air an làimh dheis gan cleachdadh air Uisge Spè suas gu deireadh na h-18mh Linn

Tha àite caran cudromach aig Alba ann an eachdraidh nan curaichean, oir eadar an fheadhainn seo a chaidh a lorg ann am Fìobha, agus tè a th' ann an Taigh-tasgaidh Eilginn, tha na curaichean as sine san t-saoghal uile ann an Alba.

Chaidh an cleachdadh ann an Alba mu dheireadh airson neamhnaidean a thogail gus an deach an obair sin a chasg anns na 1980an.

Dè an fhianais a th' againn ge-tà, gur e dha-rìribh curaichean a chaidh a lorg ann am Fìobha?

Gailearaidh dhealbhan 1Leum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 6, An seileach san allt,

Chan e gun robh curaichean slàn fhèin air fhàgail sna h-uaighean, ach bha an lorg air fhàgail san ùir.

Dhearbh arc-eòlaichean gur e "stuth organach" a bh' ann an earrainnean dheth, agus bha cumadh na chaidh a lorg garbh coltach ri curaichean a tha fhathast gan cleachdadh anns a' Chuimrigh an-diugh.

Leis gun robh cuirp nam broinn, tha fhios againn gur e soitheach a bh' ann, agus tha an fhianais uile ag innse gur e curaichean a chaidh a lorg.

Ceann-toisich na curaichTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell

Tha corra dhuine thall 's a-bhos - mi fhèin nam measg - le ùidh gu math mòr ann an curaichean, agus tha cuid air feuchainn ris na curaichean seo ath-chruthachadh - gu h-àraid an tè as fheàrr a th' air a glèidheadh - Uaigh 2.

'S e am fear as ùire a th' air oidhirp a dhèanamh, Jeremy Usher-Smith, a tha na bhall de Chluba Churach Innis ann am Bàideanach.

Tha esan a' dèanamh dheth gur ann coltach ri curach a chìthear fhathast air abhainn sa Chuimrigh a bha i.

"Bha tòrr chòmhraidh ann sna bliadhnaichean an dèidh dhan rud a bhith air a lorg, mu dè an cumadh a bh' air, 's ciamar a rinneadh e," thuirt e.

"Bhathas a' smaointinn an toiseach gur ann le slatan calltainn a rinneadh e.

"Ach tha cumadh an rud nas coltaiche ri curach à Abhainn Teifi."

Curach air a togail le slatan calltainn a-mhàinTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Bheir slatan calltainn cumadh eadar-dhealaichte don churach seach na bh' air a thiodhlacadh ann am Bàgh Dhealgadaidh

Tha cuid de churaichean air an togail le slatan calltainn dìreach mar a gheàrrte far na craoibhe iad, ach 's e nòs traidiseanta na h-Èireann a tha sin, 's na bàtaichean gan togail bun os cionn.

Air tìr-mòr Bhreatainn togar curaichean gu traidiseanta beul suas, le spealtan - clàran tana seilich, uinnseinn no calltainn air an lomadh sìos bho gheugan air an sgoltadh.

'S ann mar sin a thogar curaichean air Abhainn Teifi, ann an iar-dheas na Cuimrigh, chun an là an-diugh - nòs nach do dh'atharrich cus idir sa 4,000 bho chaidh curaichean Bhàgh Dhealgadaidh a thogail.

Curach o Abhainn Teifi an-diughTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Tha curaichean de sheòrsa gu math traidiseanta fhathast gan cleachdadh air Abhainn Teifi sa Chuimrigh an-diugh

Cleachdar spealtan seilich, le slatan caola calltainn air an rùsgadh 's gam fighe timcheall a' bheòil-mhòir (iomall a' bhàta, no an gunwale) airson a cheangal ri chèile. Bheir sin dhut cumadh eadar-dhealaichte seach na gheibhear le slatan calltainn a-mhàin - cumadh sa bheil, a rèir a coltais, curach Bhàgh Dhealgadaidh.

Mar sin, an dèidh dha cumadh na curaich obrachadh a-mach air pàipear stèidhichte air na chaidh a chlàradh leis na h-arc-eòlaichean, bhruidhinn Jeremy ri feadhainn a bhios a' togail churaichean air Abhainn Teifi.

Bha obair an lùib cumadh na curaich obrachadh a-mach, agus crann an treabhaiche air cliathrach beul-mòr a' bhàta a sguabadh às.

Gailearaidh dhealbhan 2Leum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 5, Dealbh air pàipear-ghàf de chumadh na chaidh a lorg san uaigh, Dealbh air pàipear-ghàf de chumadh na chaidh a lorg san uaigh

Chuir e seachad ùine a' sgoltadh 's a' lomadh sìos slatan seilich airson spealtan a dhèanamh, 's lorg e slatan fada caola seilich a chleachdadh e airson am beul-mòr fhighe.

Bhog e am fiodha sin ann an allt ach an drudhadh e suas uisge, ga dhèanamh sùbailte, agus rinn e rud ris an canar sa Ghàidhlig "crannghal" - frèama curaich.

Curaichean iasgaich Abhainn Teifi an-diughTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Tha curaichean fhathast gan cleachdadh airson iasgaich air Abhainn Teifi an-diugh

Air ais ann an Linn an Umha, b' e craiceann bà, eich no ròin a bhiodh na chòmhdach dhan chrannghal, ach san là a th' ann, ged a chleachdar craiceann fhathast, 's e clò is teàrr as cumanta, agus 's e sin a chleachd Jeremy.

Spealt ga lomadh sìos bho gheug sgoilte seilichTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair mhòr an lùib spealtan a lomadh sìos bho gheugan sgoilte seilich

Bidh Jeremy, còmhla ri a charaid Raymond aig Cluba Churach Innis, a' taisbeanadh churaichean aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

Chaidh mi a thadhal orra, 's ghabh mi sgrìob sa churaich a bh' air aiseirigh an dèidh 4,000 bliadhna air lòn tana a' chrolaidh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

A' cur nan caran ann an curach

Tha i gu math seasmhach, agus eu-coltach ri curaichean an là an-diugh, chan eil tobhta innte air an suidh thu. Bidh thu air do ghlùintean, 's tha do chuideam a bhith ìosail mar sin a' fàgail a' bhàta nas seasmhaiche.

Tha i nas motha na a' mhòr-chuid de churaichean an là an-diugh - 70 òirlich de dh'fhaid, 36 òirlich de leathad, agus 18 òirlich de dh'àirde.

Leum aon rud a-mach thugam 's mi ga faicinn - tha i coltach ri seòrsa curaich bhig a gheibhear ann an Èirinn.

Jeremy is Raymond nan seasamh ri taobh curach Bhàgh DhealgadaidhTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Jeremy is Raymond nan seasamh ri taobh curach Bhàgh Dhealgadaidh

Chaidh curach Bhàgh Dhealgadaidh a lorg - agus mar sin tha e reusanta a ràdh gun deach a cleachdadh - an cois Linne Fhoirthe, air a' chosta.

Chan eil eisimpleir sam bith eile ann am Breatainn fhèin de churaich mhara, ged a tha fhios againn a rèir thùsan sgrìobhte, gun robh iad ann uaireigin.

An e mar sin, ceangal caillte a tha seo eadar curaichean Bhreatainn agus curaichean na h-Èireann - dà nòs gu math eadar-dhealaichte?

Curach air Abhainn na Bòinne ann an ÈirinnTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha curaichean aibhne gan cleachdadh ann an Èirinn airson iasgaich suas gu 1948, 's chìthear fhathast iad air an abhainn sa

Ged a tha curaichean aibhne ann an Èirinn cuideachd, gu h-àraid air Abhainn na Bòinne, 's ann sa mhuir as trice a gheibhear iad thall.

Cleachdar iad gu traidiseanta airson iasgaich, agus ged a tha iad gu math soifistigeach ann an cuid de sgìrean, tha seòrsa sìmplidh a mhair gu bho chionn ghlè ghoirid ann an Dùn nan Gall, gu math coltach ri mar a bha iad o shean - a' churach chéasla.

Chan eil tobhta anntasan a bharrachd, 's bithear gan iomradh le pleadhan thairis air a' cheann toisich 's tu air do ghlùintean - dìreach coltach ris an tè a thog Jeremy.

Seòrsa curaich a tha fhathast ri fhaighinn ann an Dùn nan Gall an Èirinn an-diughTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell

Tha Jeremy cinnteach às gun deach tè Bhàgh Dhealgadaidh a chleachdadh airson iasgaich sa mhuir.

"Far an deach a lorg, bhathas ga cleachdadh ann na Linne Fhoirthe, gu h-àraid leis a' cheann-deiridh àrd a tha seo," thuirt e.

"Tha mise air curaichean a chleachdadh sa mhuir, gan cur air bhog far tràghad, agus nì thu glè mhath le curach Teifi (aig a bheil ceann-deiridh àrd cuideachd) air an tràigh, oir thèid agad air a dhol an lùib nan tonn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Curaichean gan iomradh

"Saoilidh mi gun robh sin gu math cudromach.

"Ach nas cudromaiche, faisg air a' chladh a lorg iad, fhuair iad cuideachd an t-uabhas shligean maoraich.

"Nam biodh curach agad, dheadh agad air a dhol a-mach gu na h-eileanan beaga 's na creagan a bha tioram aig muir ìosail, 's tha e coltach gun robh iad a' togail maoraich dhan bhaile a bha seo, 's ga dhèanamh fad grunn cheudan bhliadhnaichean 'son na bha siud de shligean a chruinneachadh.

"Crùbagan is giomaich cuideachd tha mi an dùil," thuirt e.

Curach Teme à SasainnTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh corra dhuine fhathast a' cleachdadh craicinn bhà mar chòmhdach churaich

B' e fear de na h-adhbharan a mhair a' churach chéasla ann na Dùn nan Gall a-steach air an 20mh Linn gun robh iasgairean na sgìre gam faicinn mar a' bhàta a b' fheàrr airson clèibh a chur, leis gum faigheadh iad gu math faisg air na creagan.

Sin agus gun gabhadh an togail air glè bheag airgid le stuthan a bha rin lorg gu h-ionadail.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Curach Chéasla ga h-iomradh sa mhuir

Mar sin dheth, ged a mhair curaichean ann am Breatainn airson an cleachdadh air aibhnichean, tha coltas ann gun robh àm ann a bhathas gan cleachdadh air a' mhuir cuideachd, ann an iomadach àite timcheall a' chosta tha fhios.

Tha a' churach an-diugh ann an Alba a' fàs nas pailte, agus ùidh aig daoine anns an leithid, ged a bhios a' mhòr-chuid aca air an togail nòs na h-Èireann - bun os cionn.

Chan eil fhios dè beachd a bhiodh aig muinntir Bhàgh Dhealgadaidh ann an Linn an Umha air a leithid.

Tha obair Jeremy ge-tà, air sealladh nas soilleire a thoirt dhuinn air gnothaichean làitheil nam Fìobhach seo a chaidh a ghiùlain chun na h-ath bheatha ann an curaichean o chionn 4,000 bliadhna.