Northland a' gealltainn chòmhraidhean

  • Air fhoillseachadh
MapaTùs an deilbh, Marine Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an dà leasachadh aig muir nam pàirt de sgeama ScotWind.

Tha a' chompanaidh dealain Northland Power air an dà thuath-gaoithe a tha iad a' dol a thogail faisg air Eilean Leòdhais ainmeachadh agus tha iad a' gealltainn tuilleadh conaltraidh ri coimhearsnachdan mu na buannachdan a gheibh iad nan cois.

Chan eil coimhearsnachdan a' faighinn cinnt sam bith aig an ìre seo air dè thig dhaibhsan às na leasachaidhean, a tha nam pàirt de sgeama ScotWind.

Tha Northland Power stèidhichte ann an Canada ach tha sgeamaichean cumhachd aca air feadh an t-saoghail

Dh'innis iad gur e Spiorad na Mara, taobh a-muigh a bhios air leasachadh anns am bi 840MW is a thèid a thogail trì mìle bho chladach Taobh Siar Leòdhais air bunaitean a bhios nan suidhe air grunnd na mara.

'S e Havbredey, taobh a-muigh a bhios air an leasachadh eile còrr air 20 mìle an ear-thuath air Rubha Robhanais. Bidh 1500MW na chois le crainn gaoith nan suidhe air bunaitean seòlaidh.

'S e facal Lochlannach a tha ann an Havbredey a tha a' ciallachadh Eileanan air Iomall a' Chuain - is dùil gur ann às a sin a thàinig am facal Hebrides.

Còmhraidhean

Thèid Spiorad na Mara a thogail an toiseach.

Chan eil Northland air aontachadh ri iarrtas coimhearsnachd à Taobh Siar Leòdhais airson earrann dhen tuath-gaoith a reic riutha.

An àite sin, tha iad a' tairgsinn airgid bho sgeama buannachd coimhearsnachd Riaghaltas na h-Alba, ged nach eil na coimhearsnachdan a' smaointinn gum bi sin idir cho buannachdail dhaibh.

Tha Northland a' gealltainn chòmhraidhean a bharrachd ris a' choimhearsnachd mu na buannachdan a tha ag ràdh a thig às na leasachaidhean.

Chan eil gealladh aig an ìre seo nas motha gum faigh gàradh Àranais obair-togail às an dà leasachadh is eagal air na h-aonaidhean gur e gàraidhean togail ann an tìrean cèin a bhuannaicheas asta.