D.R. Macleod air a reic

  • Air fhoillseachadh
D.R. MacleodTùs an deilbh, DFDS

Chaidh a' chompanaidh bathair D.R. Macleod a cheannach leis a' chompanaidh mhòir DFDS às an Danmhairg.

Tha prìomh oifisean D.R. Macleod ann an Steòrnabhagh, far an deach a' chompanaidh a stèidheachadh le Dòmhnall 'DR' MacLeòid nach maireann ann an 1981.

Thàinig fàs mòr air a' chompanaidh bhon uairsin is còrr is 100 duine ag obair dhaibh anns na h-Eileanan an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis is Glaschu.

Dhearbh DFDS Diciadain gu bheil iad air D.R. Macleod a cheannach.

Thuirt iad gu bheil gnothachas soirbheachail air a bhith aig D. R. Macleod fad còrr is 40 bliadhna is gu bheil iad airson sin a chumail a' dol agus a leudachadh.

Plana

Cheannaich DFDS a' chompanaidh Shetland Transport ann an 2016.

Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho DFDS mu na planaichean aca agus a' bhuaidh air D.R. Macleod is tha sinn a' feitheamh freagairt bhuapa.

Ann am brath, taobh a-muigh Diciadain, thuirt D.R. Macleod fhèin gu bheil iad a' leantainn le planaichean Dhòmhnaill MhicLeòid a' chompanaidh a chur ann an làmhan DFDS is gu bheil na companaidhean air a bhith ag obair ri chèile fad bhliadhnaichean.

Dh'innis iad gun robh còmhraidhean a' dol 'son ùine is mura b' e staing Covid gun robh a h-uile coltas ann gun robh seo air tachairt ann an 2020.

Thuirt iad gu bheil iad cinnteach gun coimhead DFDS às dèidh luchd-obrach is luchd-cleachdaidh na companaidh.

Dh'innis iad gun lean cùisean mar a bha iad is gum bi dathan ainmeil gorm is buidhe na companaidh rim faicinn airson bhliadhnaichean fhathast.