Plana airson an Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh

Dealbh ealain dhen tunnail a bhiodh timcheal air mìle a dh'fhaid airson an rathaid a dhion.
Tha Riaghaltas na h-Alba air planaichean fhoillseachadh feuch dèiligeadh ri na th' ann de mhaoimtean-slèibhe air an A83 aig an Rest and Be Thankful.
Tha coimhearsnachdan na sgìre air a bhith ag iomairt fad ùine mhòr airson fuasgladh fhaighinn do na trioblaidean a tha a' fàgail an rathaid dùinte tric is minig.
Chaidh seòrsa de thunail a mholadh luach còrr air £400m agus tha duil ri coinneamhan poblach mu dhèidhinn nas fhaide air a' mhìos.
Dheigheadh fasgadh a thogail os cionn an rathaid, tunnail a bhiodh fosgailte air aon taobh.
Bhiodh seo a' dìon luchd-cleachdaidh an rathaid bho sprùilleach agus clachan.
Thèid dealbhan de na molaidhean suas air loidhne Dihaoine agus thèid taisbeanadh poblach a chumail bhon 12mh là den mhìos.