"Deagh ghreis" mus bi fios cò a cheannaich Oighreachd Shlèite

An Dtr Andy Williamson
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Shlèite ag ràdh nach eil fios aca fhathast dè tha a' tachairt a thaobh Oighreachd Cheann a Deas Shlèite is Caisteal Armadail, a dh'aindeoin is gun tàinig dearbhadh gun deach aonta a dhèanamh an reic.

Bha an caisteal, seann dachaigh ceann-feadhna Chlann Dòmhnaill Shlèite, agus am fearann, sa bheil mu 20,000 acair, air a' mhargaidh fa leth.

Chan innseadh a' chompanaidh-reic Strutt & Parker cia mheud neach a tha ga cheannach neo an tèid an oighreachd a bhriseadh suas.

Bha cuid san sgìre feargach nuair a chaidh innse gun robh Urras Fearann Clann Dòmhnaill a' reic na talmhainn agus an t-seann chaisteil a tha an-diugh na thobhta.

Tha Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, an Dtr Andy Williamson, ag ràdh nach "robh conaltradh ann agus cha deach fiosrachadh a thoirt dhuinn".

Ge-tà, chan ann gun dòchas a tha e.

"Tha teansa ann gur e slighe air adhart a tha seo gum faodadh neach-seilbhe math a bhith ann a th' airson a bhith ag obair leis a' choimhearsnachd agus airgead a chur a-steach dhan oighreachd ach chan eil càil a dh'fhios againn aig an ìre seo," thuirt e.

Teàrlach MacGilleBhràith

Thuirt Teàrlach MacGilleBhràith, a tha na chroitear ann an Àird Shlèite: "'S e deireadh Chlann Dòmhnaill a th' ann ann an Slèite ach air an làimh eile ma nì e feum dhan àite agus gun tèid airgead a chur a-staigh dhan togalach 's dòcha gur e rud math a th' ann."

Tha Tormod MacGilleÌosa, a bha uair ag obair do dh'Urras Fearann Chlann Dòmhnaill, ag ràdh "gum biodh e math nam b' e aon bhuidheann a bh' air a h-uile càil a cheannach agus a chumaill cruinn còmhla".

Thuirt e: "Tha mi a' smaoineachadh neach neo buidheann le gliocas a thuigeas gu bheil buannachd ann a bhith a' co-obrachadh còmhla ri coimhearsnachd agus a thaobh coimhearsnachd Urras Chlann Dòmhnaill - gu h-ionadail agus air feadh an t-saoghail."

Tormod MacGilleÌosa

Thuirt Bòrd Urras Chlann Dòmhnaill nach tèid luchd-ceannach ainmeachadh airson deagh ghreis.

Thuirt iad gu bheil na h-urrasairean taingeil airson an ùidh a bh' ann agus gu bheil iad mothachail cho cudromach 's a tha e fiosrachadh a chumail ris a' choimhearsnachd.

Dh'innis iad gun tèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh aig àm iomchaidh.