Caisteal is oighreachd Armadail fo thairgse

- Air fhoillseachadh
Chaidh aonta a dhèanamh airson Caisteal Armadail agus Oighreachd Chlann Dòmhnaill ann an Slèite a reic.
Bha na dhà gan reic fa leth, le tairgsean os cionn £6.7m gan iarraidh 'son na h-oighreachd, agus tairgsean os cionn £2.7m gan iarraidh airson a' chaisteil 's na gàrraidhean mu thimcheall.
Dhearbh a' chompanaidh reice Strutt and Parker gun robh tairgsean a-staigh airson na dhà, ach dhiùlt iad a ràdh co-dhiù tha còrr air aon cheannaiche an sàs.
Chuir an naidheachd gun deach an cur air a' mhargaidh fearg air cuid san sgìre, 's dragh orra mu na thachradh dhan fhearann san àm ri teachd.
Chaidh deit dùnaidh a ghairm air a' mhìos a chaidh, agus thuirt Strutt and Parker aig an àm gun robh "ùidh nach beag" air a bhith ann airson gach cuid an caisteal agus an oighreachd.

Chaidh beachd iarraidh air Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill, leis a bheil an caisteal agus an oighreachd an-dràsta.
Thuirt an t-Urras sa Mhàrt gun do rinn iad an co-dhùnadh doirbh an cur air a' mhargaidh ri linn dùbhlan ionmhasail.
Bha iad ag iarraidh, thuirt iad, am fòcas a chumail air tabhartasan a thoirt do "phròiseactan le Clann Dòmhnaill agus dualchas dùthchasach na Gàidhealtachd".
Ach chuir an gluasad iongnadh air cuid an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, 's càineadh ga dhèanamh air cion conaltraidh leis a' choimhearsnachd mu na bha fa-near dhan Urras.
Choimhead Urras Coimhearsnachd Shlèite ri co-dhiù gabhadh Caisteal Armadail 's na gàrraidhean a cheannach às leth na coimhearsnachd, ach dh'innis iad do BhBC Naidheachdan, an dèidh "measadh faiceallach" a dhèanamh, gun do cho-dhùin iad nach robh sin comasach ri linn nan cosgaisean a bhiodh na lùib.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt
- Air fhoillseachadh28 Am Màrt
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
- Air fhoillseachadh24 An Giblean
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal