Naidheachdan 11:00m
An Ceann-suidhe Trump
Dh'innis an Ceann-suidhe Trump dhan BhBC gu bheil Vladimir Putin na "bhriseadh-dùil" dha ach nach eil e deiseil leis fhathast. Bha Mg Trump a' bruidhinn an dèidh dha innse mu phlana airson tuilleadh armachd a chur dhan Ucràin agus rabhadh gun cuir e taraifean cruaidh air an Ruis mura bi aonta ann an ceann 50 là airson fois-fhòirneirt.
Roinn an Ionmhais
Dh'innis an Seansalair, Rachel Reeves, do cheannardan gnothachais ann an Leeds gu bheil i airson ath-bheòthachadh a thoirt air Roinn an Iomhais leis an leasachadh as motha ann an còrr 's deich bliadhna. Dh'iarr i air a' ghnìomhachas obrachadh còmhla ris an Riaghaltas air molaidean mar eiseimpleir airson gum bi e nas fhasa do dhaoine morgaid fhaighinn airson a' chiad uair. Agus tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh bho Ms Reeves mu bhrosnachadh eaconomaigeach ann an òraid bhliadhnail Taigh Mansion ann an Lunnain a-nochd.
John Torode
Dhearbh preasantair a' phrògraim telebhisein MasterChef, John Torode, gun deach gabhail ri gearan gun do chleachd e briathrachas anns an robh gràin-cinnidh. Thuirt Mr Torode nach eil cuimhne sam bith aige gun tuirt e a leithid agus nach eil e a' creidsinn gun do thachair e a-riamh. Thuirt cuideigin taobh a-staigh a' BhBC nach aithne dhaibh dad mu aithirisean gun deach iarraidh air John Torode obair fhàgail. Chaill preasantair eile a' phrògraim, Gregg Wallace, a dhreuchd an dèidh ghearanan mu dheidhinn san.
Gaoth
Tha dùil ri fiosrachadh an-diugh mu phlana airson sgeama air a bheileas a' toirt an "tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte". Tha Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail eadar iad ag amas air sealbh dhan choimhearsnachd air earrann de dhà leasachadh gaoithe ann an Leòdhas.
Sealtainn
Tha comhairlichean ann an Sealtainn a' beachdachadh air plana airson tunail a thogail eadar tìr-mòr Shealtainn agus feadhainn de na a h-eileanan as lugha, coltach ris mar a tha anns na h-Eileanan Fàrach. Thuirt Comhairle Shealtainnn gum pàigheadh iad airson a leithid le airgead air iasad, an uair sin ga thoirt air ais le siostam chìsean.