"Tha sinn air bhioran fàilte a chur air a h-uile duine"
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a-nise air tòiseachadh.
Le barrachd air 35 còmhlan-ciùil air a' chlàr-ama, 's e deireadh-seachdain trang a tha san amharc ann an Leòdhas.
Bidh Tide Lines, Lulu agus Skerryvore air a' phrìomh àrd-ùrlar aig làrach na fèise anns a' Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh agus dùil ris na mìltean de dhaoine a bhith san èisteachd.
Tha rud no dhà ùr aca am-bliadhna, mar a tha Eilidh Linc, Iar-chathraiche na Fèise, ag innse.