Cìs turasachd ga chuir an sàs an Dùn Èideann

Bhòt Comhairle Bhaile Dhùn Èideann an-diugh airson cìs turasachd a chur an sàs sa bhaile.

Bidh aig luchd-turais ri 5% a bharrachd a phàigheadh air àitichean-fuirich mar thaighean-òsta, àitichean màl-goirid agus a leithid - suas ri còig oidhcheannan.

Thig a' chìs a-steach as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Tha tuilleadh aig Eilidh NicIomhair.