Naidheachdan 11:00m
A' Chuimrigh
Thuirt Plaid Cymru gur e cho searbh sa tha luchd-bhòtaidh le seann phoileataigs a thug buaidh dhaibh ann am fo-thaghadh Caerphilly airson Seanadh na Cuimrigh. Bha na nàiseantaich anns a' chiad àite, a' cur nan Làbarach san treas àite air dheireadh air Reform UK.
Ola
Tha athaisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westmister ag ràdh nach eil cosnaidhean ùra gu leòr ann an cumhachd uaine mu choinneimh na tha a' call obrach ann an gnìomhachas ola agus gas a' Chuain a Tuath. Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil gnìomhachas cumhachd na h-Alba aig crois-rathaid chudromach agus gum feum Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd a dhèanamh mu bhuaidh gluasad gu net zero. Thuirt neach-labhairt do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' cur na suime as motha fhathast ri cumhachd glan agus thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear an h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gun do chuir Riaghaltas na h-Alba £120m mu thràth dhan ear-thuath airson gluasad gu cumhachd uaine.
An Ucràin
Dh'iarr Sir Keir Starmer tuilleadh taice le armachd bho na dùthchannan a tha taiceil dhan Ucràin. Tha an Ceann-suidhe Zelensky ann an Lunnain an-diugh còmhla ri riochdairean còrr is 20 dùthaich a gheall feachdan agus cuideachadh le teàrainteachd dhan Ucràin nam biodh aonta sìthe ann.
Co-labhairt Cùraim
Tha co-labhairt anns a' Ghearasdan an-diugh mu èiginn nan seirbhisean cùraim air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha riochdairean à diofar roinnean air cruinneachadh an dèidh aithisg na bu tràithe am-bliadhna a sheall gu bheil dachaighean-cùraim a' sìor dhùnadh, ged a tha àireamhan sheann daoine ag èirigh.
Àireamhan reic
Sheall figearan airson reic air a' mhìos a chaidh seachad an t-àrdachadh as motha ann an còrr is trì bliadhna. Bha àrdachadh 0.5% ann air a' mhios le deagh aimsir a' fàgail gun deach na h-uimhir a bharrachd de dh'aodach a reic ged is e glè bheag de dh'fhàs a bh' anns nam bùithtean bìdh.