Soitheachan mòra an Steòrnabhagh

Tha dùil gun cuir 70 bàta luchd-turais a-steach gu Steòrnabhagh am-bliadhna, faisg air a dhà uidhear air na thadhail air a' bhaile an-uiridh.

Ged a bhitheas moran de na soithichean a' nochdadh ann an Leodhas airson a' chiad uair, tha aon dhiubh gu h-àraid air aire dhaoine a ghlacadh, am bàta ùr aig Cunard, an 'Queen Elizabeth'.