Dragh mu thurasachd anns an Eilean Sgitheanach
Nochd rabhadh gum faodadh an t-Eilean Sgitheanach còrr air £100m a chall gach bliadhna le sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid.
Tha seo co-dhiù a rèir na buidhne turasachd SkyeConnect.
Tha iad a' gearain gun dèan an sgeama call air turasachd is nach cuidich e nas motha ann a bhith a' glèidheadh àitichean-còmhnaidh do mhuinntir an eilein.
Seo Alasdair MacLeòid.