HebCelt 2023 a' tòiseachadh

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh ann an Leòdhas, le dùil ri na mìlltean dhaoine aig tachartasan na fèise aig a' Ghearradh Chruaidh agus An Lanntair.

Tha Ruaraidh Rothach air a bhith a' coimhead air adhart ris an deireadh sheachdain le luchd na fèise agus a' còmhradh ri luchd-gnothachais sa bhaile mun bhuaidh air eaconomaidh nan Eilean.