BnG ann an còmhraidhean leis an Riaghaltas mu sgeama nan oifigearan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig fhathast a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu sgeama nan Oifigearan Gàidhlig, às dèidh mar a thàinig fios bho chionn ghoirid gun stad seo.

Thuirt Ceannard na buidhne gu bheil iad a' coimhead air dòighean gus a leithid de phròiseact a dhèanamh san àm ri teachd.

Mhìnich Ealasaid Dhòmhnallach cuideachd na freagairtean a thug am Bòrd seachad do cho-chomhairle air Bile nan Cànanan Albannach.

Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air a' Bhile, ach bha molaidhean aca mu cheumanan a bharrachd a bha iad airson faicinn.

Bhruidhinn Anndra MacFhionnghain ri ceannard a' Bhùird, Ealasaid Dhòmhnallach.