Draghan mu dhachaigh-cùraim Cradlehall

Tha Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim air gluasad gus inbhe-chlàraichte a tharraing bho dhachaidh-cùraim Cradlehall ann an Inbhir Nis. Tha seo an dèidh draghan a chaidh a' thogail mu chùram aig an ionad. Tha an dachaidh-cùraim ga ruith leis a' chompanaidh St. Philips Care Home Group aig a bheil grunn àitichean leithid seo air feadh na dùthcha. Tha lethcheud leabaidh aig an dachaidh-cùram, agus an-dràsta tha dà fhichead neach a' faighinn cùram innte. Tha Màiri Riddoch a' mineachadh dè dìreach an t-suidheachadh a th'ann…