Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11.00m
- Air fhoillseachadh
An Ucràin
Thill Sir Keir Starmer à Washington na bu tràithe an-diugh an dèidh nan còmhraidhean ris a' Cheann-Suidhe Trump anns an Taigh Gheal an-dè. Thuirt Sràid Downing gun do gheall am Prìomhaire gun gabh an Rìoghachd Aonaichte prìomh àite anns an oidhirp air sìth anns an Ucràin. Tha Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, ann an Washington an-diugh far an coinnich esan ri Dòmhnall Trump. Bruidhnidh iad air a' chogadh san Ucràin agus air aonta a bheir còir dha na Stàitean Aonaichte air stòras mèinnireil na h-Ucràin.
Turas Trump
Fhuair an Ceann-Suidhe Trump cuireadh gu coinneimh leis an Rìgh Teàrlach ann an Alba a dheasbad an dàrna turas stàite, rud nach do rinn ceann-suidhe Aimeireaganach a-riamh roimhe. Thug Sir Keir Starmer litir bhon Rìgh do Mhgr Trump anns an Taigh Gheal an-dè a' tabhann coinneimh aig Taigh Dhùn Phris neo Caisteal Bhaile Mhorail a dheasbad an turais.
Gàsa
Tha buidheann Israelach agus riochdairean Hamas a' cumail chòmhraidhean mun dàrna earrann den fhosadh ann an Gàsa. Thuirt an Èipheit gu bheil cuideachd sgioba às na Stàitean Aonaichte aig na còmhraidhean ann an Cairo. Tha iad ag amas air aonta a bheir stad gu lèir air a' chogadh le saorsa dha na prìosanaich a tha fhathast am bruid ann an Gàsa agus gealltanas gun tarraing na feachdan Israelach a-mach às an sgìre.
Bancaichean
Tha trioblaid aig mòran mhìltean dhaoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte le innleachd app airson bancaireachd. Tha sin a' toirt buaidh air Lloyds, Halifax, TSB agus Banca na h-Alba. Agus thuirt Nationwide agus First Direct gu bheil trioblaid acasan le pàigheadh air-loidhne.
Gene Hackman
Thuirt poilis a tha a' rannsachadh bàs an actair Gene Hackman agus a bhean, Betsy Arakawa, gu bheil iad a' feitheamh ri toradh dheuchainnean ùra. Fhuair poilis cuirp an dithis nan dachaigh ann an New Mexico a' bhòn-dè.