Bhon taigh-fasain chun an taigh-bheairt

- Air fhoillseachadh
Ann an seadaichean beaga air a bheil taigh-beairt, faisg air na dachaighean aca air feadh Leòdhais agus na Hearadh, tha breabadairean a' Chlò Mhòir a' coimhead romhpa feuch gu dè mar a bhios cùisean aca am-bliadhna.
Agus an-dràsta ann am muileann Shiaboist, tha a' chompanaidh HTH gu math dripeil cuideachd. Ged is ann air an ceann fhèin a tha na breabadairean ag obair a' dèanamh nan clòithtean, bidh iad a' faighinn snàith bho na muilnean agus bidh na muilnean a' crìochnachadh nan clòithtean le bhith a' toirt loinn orra.
Thuirt Àrd-oifigear HTH, Mairead Anna NicLeòid, gur e a tha gan cumail trang an-dràsta ach pàtrain ullachadh còmhla ris an luchd-ceannach aca, a thathas gu bhith a' sealltainn aig Seachdain Fasain Lunnainn.
Mar eisimpleir air an t-seòrsa cliù a th' aig a' Chlo Mhòr, tha am fear-dealbhachaidh aodaich aig ard-ire, Paul Costelloe, am measg an luchd-ceannach a bhios air pìosan dheth à muileann Shiaboist a shealltainn aig Seachdain Fasain Lunnainn.
Chunnacas clò à Siabost aig Seachdain an Fhasain ann an Copenhagen anns an Danmhairg air a' mhìos seo chaidh. O chionn cola-deug, chìthiste e ann am Milan far an robh iad air an riochdachadh aig fèill mhòir Milano Unica Idea Biella.
Bha luchd-ceannach ann às an Roinn Eòrpa, às an rìoghachd seo fhèin, agus à grunn dhùthchannan eile mar Aimeireagaidh, Astràilia, agus às an Àird an Ear.
Mus bi deireadh na bliadhna ann, 's e th' anns an amharc aig a' mhuilinn ach a bhith air an riochdachadh aig còig deug de dh'fhèilltean agus tachartasan eadar-nàiseanta.

Mairead Anna NicLeòid, Àrd-oifigear HTH
'S e an dà chuid aodach agus rudan eile a nì thu leis a' Chlò, leithid bhrògan agus bagaichean, a thèid a chur air beulaibh an luchd-ceannach a thig a choimhead air na tha ùr agus tarraingeach an lùib nan tachartasan sin.
Bidh iad a' tilleadh a Mhilan as t-samhradh, aig toiseach mìos an Iuchair. Bithear a' sealltainn a' Chlò Mhòir an sin dhan luchd-ceannach aca. Sin daoine a bhios ag ullachadh airson nan cruinneachaidhean aodaich a bhios iad a' reic an ath-bhliadhna agus anns a' bhliadhna 2027. Cuideachd tha na Seachdainean Fasain mòra ann an New York agus Paris nan dòigh air cliù Clò Mòr bho HTH a chur an cèill fad agus farsaing.
'S e tha HTH an dòchas ach gun tig òrdughan às an sin, 's gur e toradh na saothrach seo ach gun cuir iad brath air na muilnean ann an Leòdhas airson Clò Mòr a chur thuca. An t-ullachadh a bhios a' dol eadar seo agus an samhradh, bidh a' bhuil ann an ath-bhliadhna, anns na chì daoine anns na bùithtean agus air na làraich-lin.
Chan ann an Siabost a-mhàin a tha dòchas anns a' ghnìomhachas. 'S e muileann Choinnich MhicCoinnich ann an Steòrnabhagh an darna fear as motha anns an eilean. 'S e am far-ainm ionadail air a shon ach muileann Stickys.
An-diugh 's ann aig Alex Lockerby a tha e, agus Nichola Lockerby na stiùiriche air a' chompanaidh eachdraidheil. Seo an dèidh dhan duine leis an robh e, am fear-gnothaich Brian Haggas nach maireann a thoirt seachad mar thìodhlaic do dh'Alex ann an 2019.
Chunnacas piseach, mean air mhean. A rèir ceannard-reic a' mhuilinn, Donna NicIlleathain, 's ann am Breatainn agus anns an Roinn Eòrpa bu motha a bhiodh iad a' reic a' chlò aca anns a' chumantas; ach thathas a-nise airson a' phrosbaig a chur an sàs ann an dòigh nas fharsainge.

Donna NicIlleathain, Ceannard Reic Mhuileann MhicChoinnich.
Thathar a' dèanamh mion-sgrùdaidh an-dràsta air mar a ghabhas sin a chur an gnìomh. Ro dheireadh na bliadhna, bidh crathadh air an ìomhaigh aca, ach bithear a' gleidheadh an ainm agus a' cur an cèill ris a' mhargaidh mar a tha an t-aodach ri fhaighinn bhuapa. "'S e prìomh chlò agus prìomh sheirbheis a th' againn an seo agus feumaidh sinn sin innse do bharrachd dhaoine", thuirt i.
Chan e a-mhàin sin ach bidh obair ùrachaidh a' dol air adhart am measg nan innealan einnseanairidh aig muileann MhicChoinnich. Bithear a' cur uidheamachd ùr an sàs anns an roinn chrìochnachaidh far am bi na clòithtean air an dèanamh deiseil airson a reic. Thathas cuideachd gu bhith a' sgeadachadh na h-uidheamachd far am bi iad a' deanamh an t-snàith.
Cha mhòr nach eil 300 neach a' cosnadh anns a' Chlò Mhòr. Tha mu 70 neach ag obair ann am muileann Shiaboist, agus dàimh aca ri còrr 's 100 breabadair. Tha suas ri 50 duine ann am muileann MhicChoinnich, agus mu 60 breabadair a' dèanamh chlòithtean dhaibh. Agus a bharrachd air an sin, tha muileann Chàrlabhaigh a' dèanamh rud beag clò fhathast, agus craiteachan de ghnìomhachasan beaga ga dhèanamh bho thoiseach gu crìch.
Thuirt Donna NicIlleathain bho Mhuileann MhicChoinnich gu bheil iadsan dòchasach. Ged a tha coltas dona air suidheachadh an t-saoghail an-dràsta a thaobh malairt, nuair a bhios trioblaidean ann an aona mhargaidh, tha cothroman ann am margaidhean eile.
Misneachd ann an gnìomhachas a' Chlò. Dealbhan le taing do Paul Costelloe.
'S e ùine a th' ann eadar taigh-fasain agus taigh-beairt ach an rud a thèid a dhèanamh anns a' chiad àrainneachd sin toiseach an t-samhraidh, tha e ri fhaicinn anns na bùithtean mun àm seo den bhliadhna.
Ann an Caisteal Dhruimeanaich faisg air Craoibh an-uiridh, bha Clò Mòr bho HTH mar earrann chudromach den aodach a bha taigh-fasain Dior a' taisbeanadh ris a' ghnìomhachas agus meadhanan eadar-nàiseanta. Nochd tòrr de na trusgain sin ann an cruinneachadh Cruise 2025 an taigh-fhasain.
Ach tha luchd-ceannach an tòir air dùthchas agus eachdraidh mar fhreumhaichean dha na rudan ùra annasach a chuireas iad air an àrd-ùrlar agus starain-coiseachd air na modailean.
Tha Mairead Anna NicLeòid ag ràdh gum bi iad a' sealltainn romhpa – agus air ais: "Tha tasglann mhòr de phàtrain againn. Tha an dìleab eachdraidheil againn uabhasach fhèin cudromach don luchd-ceannach againn".
'S ann le bhith ri faire air na gluasadan agus na nithean dham bheil muinntir an aodaich air feadh an t-saoghail a' leantainn a tha na muilnean ag amas air luchd-ceannach ùra agus feadhainn stèidhichte.
''Bidh sinn a' feuchainn ris na gluasadan ann an faileasan na cloimhe, dathan agus pàtrain air feadh an t-saoghail a dhèanamh freagarrach dha na bhios sinn a' dèanamh, eadar 's gur anns a' mhuileann, no aig na breabadairean," thuirt i.
"Chan eil bàlla criostail aig duine ann an saoghal an fhasain".
