Fear an grèim an dèidh maoigheadh air sgoiltean

- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a chur an grèim an dèidh mar a chaidh puist-d mhaoigheil a chur gu sgoiltean air Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh.
Thuirt na Poilis gun deach fios a chur orra mu 08:20m Dihaoine gun deach puist-d a chur gu sgoiltean ann an Inbhir Narann, Allt Èireann, Farrais agus Inbhir Nis.
Thuirt labhraiche às leth Poileas Alba gun deach fireannach aois 19 a chur an grèim agus gu bheil an cuid rannsachaidh a' leantainn.