Muc-mhara glacte an ròpannan an Caolas Ratharsair

Alan RigellTùs an deilbh, Muc-mhara
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-teasairginn air a bhith a' feuchainn ri muc-mhara spùtach a shaoradh bho ròpannan ann an Caolas Ratharsair.

Thuirt Dàibhearan Teasairginn nam Beathaichean Mara (BDMLR) gun d'fhuair iad fios bho neach le dròn mu 1:00f Diardaoin gun robh muc-mhara glacte far chosta an ear an Eilein Sgitheanaich.

Dh'fheuch dàibhearan ri fhaighinn nas fhaisge air a' bheathach madainn Dihaoine ach thuirt iad gun do dh'fhàg mar a bha a' ghaoth is a' mhuir aig an àm nach b'urrainn dhaibh sin a dhèanamh gu sàbhailte.

Thuirt BDMLR gun dèan iad oidhirp eile Disathairne ach gum feum iad a bhith air leth faiceallach.

Thuirt iad nach eil e àm sam bith cinnteach dè nì muc-mhara spùtach ann an suidheachadh mar seo.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e seo an ceathramh turas anns na trì mìosan mu dheireadh a thàinig orra dèiligeadh ri suidheachadh den leithid.