£1.8m a bharrachd do chraoladh Ghàidhlig

Tha an t-airgead ùr air fhoillseachadh an dèidh soirbheachas an t-sreatha ùire An t-Eilean
- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba £1.8m a bharrachd de mhaoineachadh airson craoladh Ghàidhlig.
Tha an t-àrdachadh a dh'fhoillsich an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis a' toirt buidseat MG ALBA, a tha an urra ri BBC ALBA còmhla ris a' BhBC, gu £15m sa bhliadhna agus dùil gun tèid a chur mu choinneimh dràma, an dèidh soirbheachais an t-sreatha ùire An t-Eilean.
Dh'fhoillsich i an naidheachd 's i a' tadhal air stiùidiothan a' BhBC ann an Glaschu mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.
"Tha tòrr a bharrachd airgid anns a' bhuidseat againn airson na Gàidhlig, barrachd na £5m, agus tha mi uabhasach toilichte gu bheil beagan den airgead sin a' dol gu craoladh agus MG ALBA," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.
"Feumaidh na riaghaltasan obrachadh le chèile airson craoladh agus airson MG ALBA.
"Bha mi fhìn shìos ann an Lunnainn dìreach ro àm na Nollaige, a' bruidhinn ri ministearan anns an Riaghaltas ann an Westminster, agus a' sealltainn cho soirbheachail 's a tha craoladh na Gàidhlig air a bhith, ach gu bheil iad feumach air barrachd taice.
"Tha sinne den bheachd gum bu chòir an ìre de thaic a bhith aig an aon ìre ri craoladh anns a' Chuimris.
"Tha iadsan a' faighinn tòrr, tòrr a bharrachd airgid phoblaich na tha craoladh na Gàidhlig, agus tha sin a' sealltainn an diofair eadar an dà sheòrsa de thaic.
"Tha slighe ann airson sinn fhìn, ann an Riaghaltas na h-Alba, a bhith a' toirt taice do chraoladh.
"Ach aig an aon àm tha fhios againn gu bheil craoladh agus rudan mar sin glèidhte aig Westminster, agus tha iad feumach air barrachd taice bhon Riaghaltas ann an Lunnainn cuideachd," thuirt i.
A' toirt seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster san Fhaoilleach, thuirt Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC gu bheil "dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh sa chànan.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach gu bheil cothrom ann coimhead ri dìon às ùr mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air Cairt a' BhBC.
An Sgrìon
Tha MG ALBA fhein air a bhith ag iomairt airson airgead a bharrachd gu math nas motha fhaighinn, agus iad air a ràdh roimhe ann an aithisg gu bheil £13.8m a bharrachd a dhìth orra airson seirbheis a choileanadh aig fìor àrd-ìre, le teachd a-steach £19m a' tighinn às agus 300 cosnadh ùr na chois.
Tha an t-àrdachadh a tha a' Bh-Ph. Fhoirbeis a-niste air fhoillseachadh a' dèanamh suas mu 13% den àrdachadh sin.
Chuir an t-àrd-oifigear aca, Dòmhnall Caimbeul, fàilte air an airgead ùr, ged a dh'aidich e nach robh e cho mòr 's a dh'iarradh iad.
Thuirt e gum biodh buaidh na taice a bharrachd ri fhaicinn air an sgrìon agus ann an susbaint ùr eile a bhiodh a' nochdadh.
"Tha iarrtasan mòra ann a thaobh comadaidh agus dràma mar eisimpleir, agus bidh sinn a' cur ar gualainn ri sin," thuirt Mgr Caimbeul.
"Ach cuideachd chì sinn barrachd shusbaintean goirid a tha ag amas air daoine òga, no daoine a tha a' cleachdadh nam fònaichean-làimhe aca airson susbaint Gàidhlig fhaicinn air an sgrìon.
"Chì sinn barrachd air an sgrìon 's thèid a h-uile sgilinn a chosg ann an dòigh air choireigin air rudan a nochdas air sgrìon.
"'S e ceum a th' ann, agus tha an Riaghaltas fhèin ag aithneachadh gu bheil sinn air slighe an seo.
"Nuair a tha thu a' coimhead air na mion-chànanan eile, can Gàidhlig na h-Èireann agus Cuimris, tha iad fada air thoiseach oirnn a thaobh maoineachaidh, agus tha iad air àrdachaidhean susbainteach fhaighinn anns na bliadhnaichean mu dheireadh, gu h-àraid airson an taobh didseatach aca a leasachadh.
"Tha sinne a-niste, tha mi toilichte a ràdh, air slighe chothromachaidh.
"Tha sinn toilichte mu dheidhinn an airgid a bharrachd. Chan e suim a th' ann uile gu lèir a tha sinn ag amas air aig a' cheann thall, ach 's e ceum math a th' ann a dh'ionnsaigh sin," thuirt e.
Eaconomaidh Chruthachail
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte:
"Tha Rùnaire na Stàite air a bhith soilleir gu bheil i airson 's gun innis na craoladairean nàiseanta againn sgeulachdan nàiseanta agus gum brosnaich iad co-tharraing sòisealta.
"Ann a bhith a' dèanamh seo, bu chòir dhaibh a bhith aig cridhe na h-eaconomaidh cruthachail, a' cruthachadh sàr-chosnaidhean ionadail 's a' brosnachadh fàs air feadh na RA.
"Choinnich am Ministear Peacock ris an Leas-Phrìomh Mhinistear a bhruidhinn mu chraoladh sa Ghàidhlig deireadh na bliadhna an-uiridh, far an do mhìnich i miann an Riaghaltais beachdachadh air Craoladh Mion-Chànanan ri taobh Ath-sgrùdadh Chairt a' BhBC a th' air fàire.
"Tha sinn a' gealltainn cumail oirnn le còmhraidhean le Riaghaltas na h-Alba, Oifis na h-Alba, MG ALBA agus am BBC mu mar as fheàrr a dhearbhas sinn seasmhachd susbaint aig àrd-ìre sa Ghàidhlig san ùine fhada."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach