Dragh ann gun do thachair truailleadh an Loch Shubhairne

Loch ShubhairneTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thòisich Buidheann-stiùiridh na Mara aig Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh an dèidh aithrisean gun deach sgìre mhòr de ghrunnd na mara ann an Loch Shubhairne air taobh siar na Gàidhealtachd a thruailleadh.

Tha Loch Shubhairne na loch-mara eadar Gleann Eilg agus Cnòideart san Linne Shlèitich.

'S e a' bhuidheann Caraidean Loch Shubhairne a chuir fios air na h-ùghdarrasan agus amharas orrasan gun deach stuth ceimigeach puinnseanta a sgaoileadh dhan mhuir air oidhche an 19mh den Ghiblean.

Thuirt an riaghaltas gu bheil iad ag obair còmhla ri buidhnean eile a' sgrùdadh na cùise agus nach biodh e iomchaidh an còrr a ràdh aig an ìre seo.

'S e buidheann neo-phrothaide a th' ann an Caraidean Loch Shubhairne sa bheil còrr air 100 ball.

Chaidh a stèidheachadh ann an 2020 agus dragh ann mun atharrachadh a tha a' tighinn air eag-eòlas mara nan uisgeachan sin.