Taigh-feachd nan Camshronach a' tilleadh gu Arm Bhreatainn

Taigh-feachd nan CamshronachTùs an deilbh, SNAIK/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Thèid crìoch mean air mhean a thoirt air cleachdadh Taigh-feachd nan Camshronach ann an Inbhir Nis mar dhachaigh do theaghlaichean Afganach a chuidich feachdan Bhreatainn sa chogadh ann an Afganastan.

Tha an t-àite air a bhith na dhachaigh eadar-amail do theaghlaichean dhan tugadh cead fuireach am Breatainn fo Sgeama Ath-thuinneachaidh nan Afganach.

Bho 2023 chaidh 11 teaghlach à Afganastan a chur a dh'fhuireach air Ghàidhealtachd fon sgeama.

Bha an càirdean air cuideachadh a thoirt do dh'fheachdan Breatannach a bha ann an Afganastan, le leithid obair eadar-theangachaidh.

Chaidh Sgeama Ath-thuinneachaidh nan Afganach a chur air bhonn ann an 2021 an dèidh do Bhreatainn tarraing a-mach às an dùthaich le cabhag air cùl nan Aimeireaganach.

Bhathas a' meas gun robh an fheadhainn a chuidich Arm Bhreatainn agus an teaghlaichean ann an cunnart bho na Taliban a ghabh an dùthaich thairis, agus thugadh cead dhaibh fuireach am Breatainn.

Tha cuid de na teaghlaichean sin air a bhith a' fuireach ann an Taigh-feachd nan Camshronach.

Ach le suidheachadh tèarainteachd an t-saoghail air a dhol am miosad, tha feum aig Arm Bhreatainn air an ionad às ùr.

Tha na teaghlaichean, aig an robh cead fuireach ann gu sealadach suas ri naoi mìosan fhad 's a chaidh dachannan fad-ùine a lorg dhaibh, a-niste gan gluasad a-mach gu taighean-òsta agus dachannan air màl san eadar-ama.