Cosgar £1.6m air pròiseactan ag amas air eòin-mhara a ghlèidheadh

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Stòras Leasachadh Àrainneachd Mara na h-Alba (SMEEF) maoineachadh luach £1.6m airson dèanamh cinnteach gum bi eòin-mhara na dùthcha buan.
Tha crìonadh mòr air tighinn air na tha ann dhiubh thairis air na 30 bliadhna a dh'fhalbh air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde agus gainnead bìdh.
Sheall na sgrùdaidhean as ùire gu bheil àrdachadh air tighinn air àireamhan cuid de ghnèithean.
'S e a' bhuidheann phoblach NàdarAlba a bhios a' làimhseachadh an airgid ùir a thàinig bho chompanaidhean a tha a' leasachadh cumhachd ath-nuadhachail aig muir.
- Air fhoillseachadh15 An Giblean
Thuirt Manaidsear SMEEF, Sarah Brown, gun dèan iad an toiseach sgrùdaidhean bith-thèarainteachd sna h-eileanan far am bi na h-eòin a' neadachadh tro sheusan briodaidh 2025.
"Seo àrainnean far an tèid againn air obair èifeachdach a dhèanamh, ann am Beinn na Faoghla mar eisimpleir far a bheil obair air a bhith a' dol le gràineagan.
"Ann an Arcaibh tha obair a' dol le mioncaichean agus easagan, agus ann an àitichean eile tha trioblaidean againn le rodain dubha."
Thuirt Ms Brown gun robh iad air leth taingeil dha na companaidhean a thug seachad airgead dhan stòras, nam measg tha Tuath-gaoithe Mara Ossian.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh na companaidh, Anndra Blyth: "Tha na cuantan fìor chudromach dhuinn uile.
"'S e comharra air cho fallain 's a tha am muir againn na tha de dh'eòin-mhara, a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta, a bhios ag àlachadh ann
"Tha sinn airson obrachadh a chùm àrainneachd mara sheasmach agus gun soirbhich aig a' cheart àm le leasachaidhean cumhachd uaine."