Còrr is 6,000 neach a' rothaireachd ann an Etape Loch Nis

Tha 11 bliadhna ann bho chaidh Etape Loch Nis a stèidheachadh.
- Air fhoillseachadh
Ghabh còrr is 6,000 luchd-baidhseagail pàirt ann an Etape Loch Nis Là na Sàbaid agus 11 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh an Etape a stèidheachadh.
Bidh na rothaichean a' leantainn slighe 66 mìle timcheall Loch Nis.
'S e Alan Dean bho Chluba Rothaireachd Dhùn Èideann am fireannach as luaithe is e a' cur crìch air an rèis ann an 02:39:48.
'S i Martha Gates bho Chluba Rothaireachd Linne Mhoireibh am boireannach as luaithe ann an 02:54:58.

Thuirt Malcolm Sutharlannach, a tha os cionn an tachartais, gu bheil e moiteil fàilte a chur air còrr is 6,000 com-pàirtiche am-bliadhna agus gu bheil e an dòchas gun cùm an tachartas a' dèanamh diofar ann am beatha dhaoine.
Gheibhear na toraidhean air fad an seo., taobh a-muigh