Na Ceiltich chruthachail còmhla

- Air fhoillseachadh
Tha buidheann de luchd nam meadhanan sa Chòrn, a' Chuimrigh agus Èirinn air cruinneachadh sna h-Eileanan an Iar feuch ceanglaichean nas treasa a stèidheachadh eadar iad agus buidhnean cruthachaidh an Alba.
Thàinig am moladh airson prògram-iomlaid aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach an-uiridh ann an Cardiff agus tha 11 neach a' siubhal an t-seachdain seo eadar Nis is Èirisgeigh gus blas fhaighinn air beatha agus obair sna h-eileannan.
Tha Sìne Nic Dhòmhnaill air a fastadh le MG Alba gus susbaint a chruthachadh ann an Leòdhas, eadar Càrlabhagh agus Ùig.
Thuirt i: "Tha mi gu math pròiseil dhen eilean againn agus tha e math gu bheil an cothrom againn a shealltainn do chàch, agus sealltainn na tha math an seo.
"Tha iad air an cothrom fhaighinn a bhith aig na tursachan is tha sinn a' dol dhan Bhroch agus dhan taigh-sholais.
"Tha e inntinneach mar-tha an còmhradh a th' air a bhith a' dol a' mothachadh tòrr rudan coltach ris a' chultur aca fhèin, agus tha sin air a bhith gu math inntinneach."

Thàinig Conor Ó Donnghaile às Èirinn far a bheil e a' dèanamh Ceum Maighstireachd anns na meadhanan.
Thuirt e: "A-raoir agus an-diugh tha mi air a bhith a' bruidhinn ri na daoine eile agus a' faighneachd, "Ciamar a chanadh tu sin? Dè th' agaibh airson seo?"
"Tha gu leòr rudan faisg air a' chèile, gu h-àraidh le Gàidhlig na h-Alba seach feadhainn eile.
"Tha e inntinneach cuideachd nàdar nan daoine Ceilteach fhaicinn.
"Saoilidh mi gu bheil nàdar caran eadar-dhealaichte aca ris na Sasannaich, eadar-dhealaichte bho Eòrpaich, tha fealla-dhà a' dol eadarainn agus tha sin uile a' còrdadh rium."
Tha Ifan Prys ag obair don t-seanail Chuimreach S4C. Tha esan cuideachd air a bhith a' bruidhinn mu na cànain, ach cuideachd air a' chruth-tìre.
Thuirt e: "Tha e sgoinneil a bhith an seo gus ionnsachadh mun eilean seo fhèin agus na h-eileanan mu thimcheall anns an sgìre bhreagha seo den t-saoghal.
"Tha sinn air grunnan àiteachan iongantach fhaicinn mar-tha.
"Tha e cuideachd math a bhith an seo gus cothrom fhaighinn conaltradh agus ionnsachadh le Ceiltich eile mu na cànain Cheilteach eile agus mar a tha iadsan a' cleachdadh nan cànanan aca mar phàirt den bheatha làitheil aca."
Tha a' bhuidheann a-nis a' dèanamh air na Hearadh agus a-null a dh'Uibhist far am faigh iad eòlas ann am margaidheachd, an obair aig Ceòlas agus a bhith ag aithris air spòrs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt
- Air fhoillseachadh7 An t-Ògmhios 2023